Tunailean gam moladh eadar eileanan Shealtainn
Nì tunailean eadar na h-eileanan feum mòr do dh'eaconomaidh Shealtainn, a rèir aithisg ùir bho luchd-einnsinnìridh.
Tha iad a' moladh dhan ùghdarras ionadail tunailean a dhèanamh gu ruige Yell, Unst, Bressay, agus Whalsay - gan ceangal ri tìr-mòr Shealtainn.
Bhiodh iad coltach ri tunailean nan Eileannan Fàrach, far a bheil còrr is 20 aca uile gu lèir, ceithir dhiubh fo ghrunnd nam mara.