Eileanan Shealtainn gan ceangal le tunailean?
Nì tunailean eadar na h-eileanan feum mòr do dh'eaconomaidh Shealtainn - a rèir aithisg bho eòlaichean einnseanaireachd.
Tha iad a' moladh dhan ùghdarras ionadail tunailean a dhèanamh gu ruige Yell, Unst, Bressay, agus Whalsay - gan ceangal ri tìr-mòr Shealtainn.
Bhiodh iad coltach ri tunailean nan Eileanan Fàrach, far a bheil còrr is fichead aca uile gu lèir, ceithir dhiubh fo ghrunnd na mara.
Seo Fionnlagh MacIllinnein.