Comasan Gàidhlig "aig cridhe chòisirean"

- Air fhoillseachadh
Dh'fhoillsich an Comunn Gàidhealach na planaichean a th' aca airson comasan Gàidhlig bhall chòisirean a thomhas is a leasachadh.
An dèidh dhaibh beachdan fhaighinn bho choimhearsnachd nan còisirean, tha an Comunn air innse gun tèid iad ann an co-bhanntachd le Sabhal Mòr Ostaig agus Speak Gaelic airson piseach a thoirt air sgilean bhall anns a' chànan.
Thèid siostam ùr a chur an sàs a bhios a rèir Frèama Iomraidh Chumanta na h-Eòrpa airson Chànanan airson taic a chumail ri buill nan còisirean fàs nas fhileanta sa Ghàidhlig.
Bidh siostam measaidh ùr ga chur an sàs airson nam prìomh ceithir farpaisean còisir a thèid an àite siostam nan càirtean Òir, Airgid agus Umha a th' ann.
Iarrar air còisirean planaichean cànain goirid a chur air adhart airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air ìrean fileantais nam ball aca.
Chaidh na planaichean a sgaoileadh dha còisirean Dimàirt is an Comunn ag ràdh gum bi "còmhradh a' leantainn".
Bidh na h-atharrachaidhean an sàs ro Mhòd 2026 ann an Glaschu.
Sgiath Latharna do Bharraigh
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair
"Buaidh aig an dachaigh" dha na h-Abraich
- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair
Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn do Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu
- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair
A thaobh atharrachaidhean eile, cha bhi cead tuilleadh bho 2027 aig buill chòisirean seinn còmhla ri barrachd air aon chòisir ann an aon de na prìomh fharpaisean air aon là, agus faireachdainn ann gun dèanadh sin gnothaichean nas cothromaiche.
Dhearbh an Comunn ge-tà, nach tèid atharrachadh sam bith a dhèanamh air structar nam farpaisean ro Mhòd na h-ath-bhliadhna, le atharrachaidhean sam bith an dèidh sin gan aontachadh le còisirean.
"Le bhith ag obair gu dlùth leis na còisirean againn agus coimhearsnachd fharsaing nan còisirean, tha sinn airson 's gum bi e na neart agus na amas do dhaoine an sàs sa Mhòd fileantachd agus earbsa sa Ghàidhlig a choileanadh," thuirt Cathraiche a' Chomuinn Ghàidhealaich, Magaidh Choinneagan.
"Tha e na phrìomhachas dhuinn an rud a tha a' dèanamh traidisean nan còisirean againn sònraichte a neartachadh agus tha sinn airson taic a chumail ris a' chànan 's dha na ginealaichean a thig nar dèidh.
"Saoilidh sinn gun neartaich na h-atharraichean seo bun-stèidh nan co-fharpaisean againn agus gun dèan iad cinnteach gum bi nan còisirean nam pàirt beòthail agus riatanach dhen Mhòd Nàiseanta Rìoghail fhathast."
Magaidh Choinneagan a' bruidhinn ri Seumas Dòmhnallach air Aithris na Maidne
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain, thuirt a' Bh-Ph Choinneagan gur e brosnachadh seach peanasachadh a tha san amharc aig a' Chomunn is gu bheil e fìor chudromach gun tèid suidheachadh na Gàidhlig anns na còisirean a neartachadh.
"Bhithinn an dòchas nach biodh seo na chnap-starra do dhuine sam bith ach aig a' cheann thall, 's e suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealach 'Ar Cànan is Ar Ceòl', is mura h-eil daoine ag iarraidh an tuilleadh eòlais fhaighinn air ar cànan, chan e rud math a tha sin dha ar ceòl nas motha".
Thuirt i cuideachd nach eil i an dùil gun toir an riaghailt ùr nach bi e ceadaichte do buill chòisirean seinn còmhla ri barrachd air aon chòisir ann an aon de na prìomh fharpaisean air aon là droch bhuaidh air còisirean beaga.
Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh, Manaidsear Foghlam Inbheach aig Sabhal Mòr Ostaig: "Tha sinn toilichte dha-rìribh a bhith ag obair còmhla ris a' Chomunn Ghàidhealach airson barrachd dhe na daoine a ghabhas pàirt ann an co-fharpaisean a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bhrosnachadh gu ionnsachadh na Gàidhlig.
"Bheir an cùrsa SpeakGaelic agus na measaidhean FICE slighe shoilleir dhaibh airson ionnsachadh is teisteanasan, eadar an fheadhainn a tha ag ùr-thòiseachadh, an fheadhainn a tha airson ìre làn-fhileantachd a ruighinn no an fheadhainn a tha dìreach airson piseach a thoirt air na sgilean gràmair no litreachais aca."
Bid Mòd 2026 ann an Glaschu eadar an 9mh is 17mh dhen Dàmhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Dàmhair

- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair
- Air fhoillseachadh12 Am Màrt
