Naidheachdan 11:00m

Gàsa

Chàin ceannas nam Pailistinianach plana Israel airson smachd airm fhaighinn air Baile Ghàsa. Fo mholadh aig a' Phrìomhaire Benjamin Netanyahu - dheadh còrr is millean Pailistinianach a ghluasad a-mach às a' bhaile. Thuirt Oifis Mahmoud Abbas gur e "eucoir gu tur" a tha sa phlana, a tha an aghaidh an lagha eadar-nàiseanta agus a dh'adhbhraichean "mòr-thubaist dhaonachdail nach fhacar roimhe".

Obar Dheathain

Chaidh casaid a thogail an aghaidh dithis fhireannach fo Achd na h-Eucoir Gràin co-cheangailt ri togail fianais taobh a-muigh taigh-òsta far a bheil luchd-siridh comraich ann an Obar Dheathain. Chaidh an dithis - aois 37 agus 39 - a thoirt an grèim co-cheangailte ri a bhith a' piobrachadh gràin-cinnidh aig an togail fianais air Rathad Links Disathairne a chaidh. Chuirear casaid ionnsaigh às leth an duine aois 37 cuideachd. Thuirt na Poilis gu bheil iad fhathast a' rannsachadh feuch cò eile a bha an sàs sa chùis.

Bun-structar Dealain

Gheibh coimhearsnachdan san Eilean Sgitheanach cothrom air airgead-dìolaidh bho chompanaidhean cumhachd leis gu bheil iad a' fuireach faisg air bun-structar cumhachd. Fo phlanaichean aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nuair a thèid pòlaichean nas motha a chur an àite seann phòlaichean fiodha thèid airgead a chur mu seach airson leithid grantaichean foghlaim agus uidheamachd spòrs. Tha ministearan cuideachd a' sireadh bheachdan air na molaidhean aca airgead a thoirt far chunntasan connaidh dhachaighean a tha faisg air crainn-dealain.

Cleasan-Mealaidh

Chuir Poileas Alba ìmpidh air luchd-aoigheachd agus luchd-tadhail a bhith air am faiceall agus aithrisean ann mu phuist-dealain fhuadain a tha ag amas air daoine a tha air àite-fuirich a chur air dòigh ann am Barraigh. Tha taigh-òsta san eilean ag ràdh gu bheil grunn aoighean a tha an dùil tadhal orra air puist-dealain fhuadain fhaighinn ag iarraidh orra fiorsachadh banca a thoirt seachad airson an t-àite-fuirich aca a dhearbhadh. Thàinig na puist-dealain bho shèoladh aig nach eil ceangal ris an taigh-òsta. Dh'iarr na Poilis air luchd-aoigheachd agus luchd-tadhail a bhith mothachail gu bheil an cleas-meallaidh seo a' tachairt.

Mags Haney

Fhuair rannsachadh a rinn am BBC gur dòcha gun robh an tè-reic dhrugaichean, Margaret "Big Mags" Haney bho Shruighlea a' toirt fiosachaidh do na Poilis. Sin a rèir podcast ùir a tha a' coimhead air ais air a beatha aig stiùir gnothachas an teaghlaich a' reic dhrugaichean. Dh'fhàs i ainmeil sna '90an airson a bhith a' ruagadh drabastair-chloinne a-mach à sgìre Raplach. Ach às dèidh sin thàinig e am follais gun robh i a' reic dhrugaichean Clas A.

Oasis

Tha Dùn Èideann ag ullachadh airson cuid de na cuirmean as motha a tha air a bhith sa bhaile ann am bliadhnaichean. Bidh a' chiad chuirm a-mach à trì aig Oasis ann am Murrayfield a-nochd. Tha dùil ri còrr is 200,000 duine uile gu lèir eadar seo agus Dimàirt.