Naidheachdan 11:00m

A' Ghnàth-Shìde

Tha eòlaichean na gnàth-shìde aig an UN ag ràdh gun do dh'èirich CO2 anns an àile a tha a' cur ri blàthachadh na Cruinne an ìre as motha riamh an-uiridh. 'S tha luchd-comhairleachaidh an Riaghaltais ag ràdh gu bheil e a' faileachadh mar-thà air an Rìoghachd Aonaichte dèiligeadh ri buaidh atharrachadh na gnàth-aimsire.

Gàsa

Tha dùil gum bi Israel a' fosgladh slighe Rafah gu ruige Ghàsa an-diugh airson tuilleadh cobhair a leigeil a-steach dhan sgìre. Ach tha Israel ag ràdh nach e dust duine a bha am bruid a th' ann an aonan de na ceithir cuirp a thill Hamas dhaibh an-raoir. Tha 12 chorp fhathast ann an Gàsa 's tha dùil gun tèid tuilleadh dhiubh sin a chur air ais a dh'Israel an-diugh.

Bheataichean

Thig air bheataichean a tha nam pàirt de bhuidhinn nas motha liosta nam prìsean aca fhoillseachadh bho seo a-mach. Rinn Ùghdarras na Farpais agus Margaidh rannsachadh air a' ghnìomhachas is dh'fhoillsich iad aithisg an-diugh san tuirt iad gu bheil cion-fiosrachaidh ann mu phrìsean agus cosgais nan cungaidhean-leigheis.

Am Mòd

Aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns a' Ghearasdan tha fios a-niste an dèidh farpais na maidne cò tha troimhe gu cuairt dheireannach nam Bonn Òir a-nochd. Ann am farpais nam ban 's iad Caitlyn Yule à Glaschu, Julie-Anne NicPhàidein às an Òban, Laura Robasdan às a' Ghearasdan agus Amanda Millen à Glaschu. 'S ann am farpais nam fear 's iad Finlay John Morse à Obar Dheathain agus Jonathan Fairgrieve à Leòdhas.

Am Post Rìoghail

Chuir riaghladair a' chonaltraidh, Ofcom, càin £21m air a' Phost Rìoghail airson fàiligeadh ann an lìbhrigeadh a' phuist. Cha do chuir am Post Rìoghail a-mach ann an àm ach 77% de phost a' chiad chlas, goirid air an targaid aig 93%.