Modaràtair ùr aig an Eaglais Shaoir

An t-Urr Calum Iain MacLeòid
  • Air fhoillseachadh

Chaidh an t-Urramach Calum Iain MacLeòid ainmeachadh mar an ath mhodaràtair dhan Eaglais Shaoir aig àrd-sheanadh 2026.

'S ann à Sgalpaigh a tha Mgr MacLeòid bho thùs is e an-dràsta na mhinistear ann an Eaglais Shaor Urchadain (Fearann na Tòiseachd) agus Ruigh Sholais.

Bha e roimhe cuideachd na mhinistear ann am Barbhas is air a' Bhac.

Thuirt Mgr MacLeòid gur e "urram mòr" a th' ann dha gun deach a chur air adhart mar an ath mhodaràtair.

Bidh an t-àrd-sheanadh ann sa Chèitean 2026.