Spòrscast: A' cnuasachadh air saoghal na h-iomain

Air an Spòrscast as ùire tha Somhairle MacDhòmhnaill agus Eòghan MacAoidh Stiùbhart a' beachdachadh air na seachdainean a dh'fhalbh ann an seusan na h-iomain.

Le na ciad cuairtean deireannach den t-seusan a-niste dearbhte tha iad a' toirt sùil air adhart gu na geamaichean sin ann an Cupa MhicThàmhais agus Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu, a bharrachd air a bhith a' togail air na tha a' dol sa Phrìomh Lìog agus cuideachd mun trioblaid a th' air a bhith ann le sgiobaidhean a' tarraing a-mach à farpaisean.

Cluinnear agus chìthear an còmhradh eatorra aig mullach na duilleige.