Luaidh air a' Phàpa Prainnseas

Tha luaidh ga dhèanamh air a' Phàpa Prainnseas, a th' air bàsachadh aig aois 88.

Chaochail e Diluain na Càisge, là às dèidh dha bruidhinn air beulaibh nam mìltean dhaoine aig seirbheis na Càisge anns a' Bhatacan.

Bha e air ùine a chur seachad anns an ospadal bho chionn ghoirid 's duilgheadasan anail aige.

Tha an aithris seo aig Stephen MacLeòid.