'Ar Cànan 's ar Ceòl' aig a' Mhòd

Às dèidh na farpaisean ciùil an-dè, bha oidhche de cheòl aig Mòd 2025, le cuirm 'Ar Cànan 's Ceòl' aig Ionad Nibheis anns a' Ghearasdan.

Thug an tachartas luchd-ciùil agus seinneadaran, sean is òg còmhla air an àrd-ùrlair agus bha a h-uile coltas gun do chòrd e glan ris an fheadhainn a bha san talla.