Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Tha fichead duine, gach duine a mhair beò às dèidh a bhith ann am bruid ann an Gàsa fad dà bhliadhna, a-niste air ais ann an Israel mar phàirt den phlana airson sìth a thoirt gu sgìre Ghàsa. Bha iad air an saoradh an-diugh sa mhadainn ann an dà bhuidhinn le Hamas. Bidh cuirp feadhainn eile a bhàsaich fhad 's a bha iad am bruid aig Hamas agus buidhnean eile gan tilleadh a dh'Israel an-diugh cuideachd. Tha cuideachd busaichean de Phailistinianaich a bha sa phrìosan no fo ghlais ann an Israel gan cur dhachaigh an dà chuid chun a' Bhruaich an Iar agus gu sgìre Ghàsa an-diugh mar phàirt den aonta a chaidh a ruighinn fon phlana sìthe. Bha am plana sin air a phutadh leis a' Cheann-Suidhe Trump a tha an-dràsta fhèin a' bruidhinn ri Pàrlamaid Israel, an Knesset. Bidh e an uair sin aig coinneimh eadar-nàiseanta anns an Èipheit far a bheil leithid Sir Keir Starmer cuideachd an làthair. Tha an Èipheit air cuireadh a thoirt dha Benjamin Netanyahu a bhith an sàs anns a' cho-labhairt cuideachd, cuide ri ceannard Ùghdarras nam Pailistinianach Mahmoud Abbas.
An SNP
Tha co-labhairt an SNP anns an là mu dheireadh aige an-diugh ann an Obar Dheathain. Cluinnear bho cheannard a' phàrtaidh, John Swinney, a chanas gu bheil poileataigs aig Westminster air gluasad chun na làimhe deise, 's gu bheil sin ga dhèanamh cho èiginneach 's cho èiseil gum bi neo-eisimeileachd aig Alba. Seo a' cho-labhairt mu dheireadh a bhios aig an SNP ron ath thaghadh gu Pàrlamaid na h-Alba 's iad an dòchas gun adhbharaich sin referendum eile air neo-eisimeileachd.
Sgoil Ùr Mhuile
Bidh èisteachd aig Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann an-diugh agus cuid de mhuinntir Mhuile air cùis a thogail mu phlanaichean airson sgoil ùr a thogail anns an eilean. Bha mòran phàrantan mì-thoilichte le mar a tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson sgoil a thogail air iomall Thobar Mhoire aig tuath 's an sgoil gu bhith a' frithealadh an eilein air fad. Tha beachd ann gum biodh e na bu ghoireasaiche dha barrachd dhaoine nam biodh an sgoil ùr air a stèidheachadh ann am meadhan an eilein.
Ian Watkins
Tha dithis air nochdadh anns a' chùirt ann an Leeds an-diugh fo chasaid mùirt às dèidh mar a chaidh seann sheinneadair a' chòmhlain rock Lost Prophets, Ian Watkins, a mharbhadh anns a' phrìosan. Bha esan air a shàthadh aig Prìosan Wakefield madainn Disathairne 's e fo bhinn phrìosain 29 bliadhna airson eucoirean feiseil an aghaidh chloinne. Chaidh Rashid Gedel, a tha 25, agus Samuel Dodsworth, a tha 43, a chumail an grèim fo amharas muirt 's gun iad air gairm no tagradh sam bith a dhèanamh anns a' chùirt.