Naidheachdan 10:00m

Sochairean

Tha an riaghaltas air atharrachaidhean a thoirt air na planaichean a bh' aca airson sochairean a ghearradh - seo gus ar-a-mach am measg nam ball aca fhèin a sheachnadh. Bha còrr air 60 cùl-bheingear Làbarach an dùil bhòtadh an aghaidh an riaghaltais air plana gus airgead PIP agus an Creideas Coitcheann a ghearradh do chuid. Thuirt Sràid Dhowning gun cuireadh na molaidhean ùra siostam nan sochairean air bun-stèidh nas seasmhaiche.

SSEN

Tha dragh ann an Leòdhas mun bhuaidh a bheir leasachadh mòr cumhachd an sin air bun-structar ionadail. Tha SSEN an dùil obair a dhèanamh air càball dealain agus air fo-stèisean ùr faisg air Steòrnabhagh. Dh' fhaodadh suas ri 24 làraidh mhòr siubhal air an aiseag gach latha. Tha dùil gun tòisich an obair mu àm an earraich an ath bhliadhn'.

Gàsa

Bheir Aimeireaga $30m ann am maoineachadh do Bhunait Daonnachd Ghàsa - sin a' bhuidheann chonnspaideach a chaidh a chur air chois airson biadh is stuth cobhair eile a roinn anns an sgìre. Thuirt an UN gun deach còrr air 400 Palestinianach a mharbhadh agus iad a' feuchainn ri biadh fhaighinn ann an Gàsa o choinn ghoirid.

Sgoil

Tha pàrantan aig sgoil do dh' fheumalachdan a bharrachd ag ràdh gu bheil iomagain orra gu bheilear a' fàiligeadh nan sgoilearan agus gu bheil sàbhailteachd ann an cunnart air sgàth dìth thaic bho Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha 109 duine cloinne a' faighinn foghlam ann an Sgoil an Druimeanaich ann an Inbhir Nis. Ach tha pàrantan ag ràdh gu bheil cus sgoilearan innte agus gu bheil cus aig luchd-teagasg ri dhèanamh. Thuirt a' chomhairle gu bheil iad a' cur crioch air planaichean airson na h-ath bliadhna-sgoile. Tha dùil gun coinnich iad fhèin is pàrantan an ath sheachdain.

CalMac

Tha Buidheann Buaidh Ghnothachais Uibhist a Deas air càineadh a dhèanamh air Caledonian Mac a' Bhruthainn agus an Lord of the Isles gu bhith a-mach à seirbheis aig deireadh seachdain na fèise Ceolas. Thuirt labhraiche na buidhne John Daniel Peteranna gun do dh'iarr iad air CalMac dàil a chur air an obair-chàraidh gus am biodh an fhèis seachad ach nach d'fhuair iad èisteachd. Thuirt Duncan Mackison, àrd-oifigear ChalMac gun robh muinntir Uibhist a Deas ceart a bhith mì-thoilichte agus gu bheil buaidh gu math mòr aig aois nan soithichean air muinntir an eilein. Thuirt e ge-tà gun lùghdaich a' bhuaidh sin nuair a thig bàtaichean ùra a-steach dhan lìonra. Bha Mgr Mackison a' bruidhinn agus e fhèin is cathraiche na companaidh Erik Ostergaard air a bhith air turas dha na h-Eileanan an Iar. Tha Ceòlas a' tòiseachadh air an 6mh den Iuchair.

Fo-thalamh

Tha stailc air trèana fo-thalamh Ghlaschu a' leantainn. Tha buill den aonadh Unite air stailc a-màireach cuideachd agus iad mì-thoilichte mu dhòighean-obrach. Tha an t-aonadh a' cumail a-mach gu bheil an siostam ann an duilgheadasan air sàilleabh 's nach eil luchd-obrach gu leòr aca. Bha stailc ann mar tha Diciadain an t-seachdain sa.