Tiodhlacadh a' Phàpa
Chaidh am Pàpa Prainnseas a thiodhlacadh san Ròimh Disathairne.
Bha an t-seirbheis a-muigh air beulaibh Basilica an Naoimh Peadar agus 's e deadhan Colaiste nan Càirdinealan, Giovanni Battista Re, a bha os a cionn.
Às dèidh na seirbheis, chaidh corp a' Phàpa a thoirt gu Basilica di Santa Maria Maggiore.
A thuilleadh air na pearsaichean eaglaise, bha ceannardan eadar-nàiseanta cuideachd an làthair aig an tòrradh.
Tha an aithris-sa aig Nicole Dempster.