Misneachd: "Tha rudeigin fada ceàrr agus chan eil e seasmhach"

Eòropaidh agus Na Còig Peighinnean ann an Nis far an d' fhuaireadh diofar mòr eadar na thuirt gun robh a' Ghàidhlig na prìomh chànan aca
- Air fhoillseachadh
Tha a' bhuidheann-iomairt Misneachd ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air oidhirp a bharrachd gus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh a neartachadh.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir seo a bhith na phrìomhachas dha na Sgìrean Cànain Sònraichte a thathar an dùil a thig an cois Bile nan Cànanan Albannach, taobh a-muigh.
Thàinig an t-iarrtas bhon bhuidhinn agus mapa ùr air fhoillseachadh air làrach-lìn a' chunntais-shluaigh le fiosrachadh nas mionaidaiche mu dè an ìre aig a bheil a' Ghàidhlig mar phrìomh chànan. , taobh a-muigh
Bha na figearan a-nochd an-uiridh air àrdachadh a shealltainn anns na bha ag ràdh gum bruidhinn iad a' Ghàidhlig.
'S ann a tha iomagain air Misneachd ge-tà, mu na tha na figearan ùra ag innse mu chleachdadh na Gàidhlig aig ìre na coimhearsnachd.
"Nuair a thàinig toraidhean a' chunntais-shluaigh a-mach an toiseach bha figear iomlan againn airson an àireamh de dhaoine a thuirt gur i a' Ghàidhlig am prìomh chànan aca - 3,550 - sin 5% de na daoine gu lèir a thuirt gun robh sgilean Gàidhlig aca", thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bho Mhisneachd is e a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diciadain.
"Mar sin, bha fios againn gun robh an àireamh sin gu math, gu math ìosal.
"Tha am mapa seo a' sealltainn càite bheil na daoine sin is cuideachd gu bheil diofar mòr eadar cuid de na sgìrean a tha dìreach an ath-dhoras ri chèile".
Thog Misneachd air Eòropaidh an sgìre Nis, an sgìre as treasa le 26.9% den luchd-còmhnaidh ag ràdh gun robh a' Ghàidhlig aca mar phrìomh chànan agus 77.6 % ag ràdh gun robh sgilean Gàidhlig aca.
"Can an ath-dhoras sna Còig Peighinnean cha robh ach 1.1% a thuirt gur i a' Ghàidhlig am prìomh chànan aca", thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh.
"Dè tha a' tachairt a tha eadar-dhealaichte ann an Eòropaidh seach sna Còig Peigheanan?"
Tha Misneachd ag iarraidh gun tèid sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air "dè a th' ann am prìomh chànan sa là an-diugh".
- Air fhoillseachadh24 An Gearran
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2024
Thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh gu bheil ceist ann fiù 's mun cheist a chleachd an cunntas-sluaigh.
"Sa chunntas-sluaigh ann an 2011 's e cànan na dachaigh a bh' anns na ceistean aca", thuirt e.
"Dè an diofar eadar cànan na dachaigh agus prìomh chànan - shaoileadh tu gur e an aon rud a th' annta gu ìre.
"Thuirt cha mhòr 25,000 neach (ann an 2011) gur e a' Ghàidhlig cànan na dachaigh aca.
"Dè tha air atharrachadh? Tha a' cheist air atharrachadh ach 's e tuiteam eagalach a tha sin.
"Tha rudeigin fada ceàrr agus chan eil e seasmhach san ùine fhada gu bheil an àireamh cho ìosal de dhaoine a tha a' cantainn gur e a' Ghàidhig an cànan a chleachdas iad a' mhòr-chuid den ùine".
'Ideòlas agus fèin-aithne' a dhìth aig luchd na Gàidhlig
'S e a tha a dhìth, na bheachd, airson luchd na Gàidhlig a bhrosnachadh ideòlas agus fèin-aithne cànain a chruthachadh dhaibh cleas mar a th' aig luchd-labhairt na Cuimris agus na Gaelige.
Tha Misneachd ag ràdh gum feum Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig is gach buidheann eile a h-uile oidhirp a dhèanamh gus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh a neartachadh.
Bu chòir, thuirt iad, gum biodh seo na phrìomh amas aig na Sgìrean Cànain Sònraichte a thig tro Bhile nan Cànanan Albannach, a tha an-dràsta a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba.
"Seo an seòrsa rud a bu chòir do Sgìrean Cànain a bhith a' dèanamh anns na coimhearsnachd aca fhèin", thuirt Mgr Mac a' Bhàillidh.
"Tha diofar neartan anns gach coimhearsnachd, diofar laigsean ann, diofar adhbharan aig daoine airson a bhith a' bruidhinn Gàidhlig neo gun a bhith ga bruidhinn.
"Feumaidh sinn a dhol an sàs anns na ceistean toinnte sin," thuirt e.
"Cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh ro-chudromach gus an cànan a neartachadh"
Ann am freagairt gu BBC Naidheachdan, thuirt Bòrd na Gàidhlig gu bheil cleachdadh a' chànain san dachaigh air leth cudromach is na phrìomh amas aca.
"Is e e prìomh amas Plana Nàiseanta na Gàidhlig àrdachadh a thoirt air cleachdadh agus ionnsachadh na Gàidhlig, agus tha e a' comharrachadh gu bheil cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh ro-chudromach gus an cànan a neartachadh", thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:
"Faodaidh farsaingeachd de dhiofar rudan buaidh a thoirt air cleachdadh na Gàidhlig, a' gabhail a-steach cothroman sa choimhearsnachd agus cùisean foghlam, cultarail is didseatach.
"Tha Bòrd na Gàidhlig ag obair gu dlùth le Riaghaltas na h-Alba, leis na prìomh bhuidhnean lìbhrigidh againn agus le raon farsaing de luchd-ùidh gus dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig daoine Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh agus sna coimhearsnachdan aca", thuirt i.