Ùrachadh air dealbhan-balla Steòrnabhaigh

Ma tha sibh eòlach air Steòrnabhagh bidh sibh eòlach air na pìosan ealain crochaichte air ballachan sa bhaile - a chaidh a dhèanamh leis an fhear-ealain Iain Brady.

Tha 27 bliadhna ann bho chaidh a' chiad fhear a chur an àirde agus tha na dhà a-nis a' cur feum air beagan sgeadachadh.

Tha an obair sin ga dhèanamh le fear-ealain eile, Chris Rutterford, agus tha e a' dèanamh sin ann an stiùideo a tha fosgailte dhan a' phoball ann am meadhan a' bhaile.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicÌomhair.