Naidheachdan 11:00m
Gàsa
Tha mì-chinnt ann fhathast mu Ghàsa là an dèidh aonta sìthe agus an dèidh saoradh nan Israelach a bha am bruid ann an Gàsa agus Pailistinianach a bha an grèim ann an Israel. Tha teagamh ann mu dè thachras do Hamas, dè an ìre dhan tarraing Israel a-mach à Gàsa agus cò a bhios a' riaghladh na sgìre. 'S tha fearg air teaghlaichean Israelach nach d' fhuair air ais cuirp an càirdean a bha am bruid ann an Gàsa. Tha e coltach nach do thill ach ceithir cuirp a dh'Israel an-dè, agus gu bheil 24 fhathast ann an Gàsa. Tha prògram leasachaidh nan Dùthchannan Aonaichte a tha a' measadh na dh'fheumas a dhèanamh de thogail às ùr ann an Gàsa ag ràdh gu bheil còrr is 80% de na togalaichean an sin air an sgrios no air an droch mhilleadh. Tha iad ag ràdh gu bheil an àireamh ann am Baile Ghàsa aig 92%.
Cion-cosnaidh
Tha fiosrachadh às ùr ag ràdh gu bheil cion-cosnaidh anns an Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as motha ann an còrr is ceithir bliadhna. Dh'innis Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun robh an ìre anns na trì mìosan dhan Lùnastal aig 4.8% - suas bho 4.7% anns an Iuchar. Bha an àireamh an Alba sìos ge-tà, mu 18,000 gu 3.9% eadar an t-Ògmhios agus an Lùnastal.
Teineachan
Tha diofar bhuidhnean a' coinneachadh ann am Baile nan Granndach an-diugh a dheasbad buaidh nan teineachan mòra air monaidhean na Gàidhealtachd air an t-samhradh agus mar as fheàrr dèiligeadh ris a' chunnart. Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba gun robh còrr is 200 teine ann air an t-samhradh - am fear as motha dhiubh sin air Mòinteach an Damhath ann am Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
Bonn Òir nam Fear
Tha coltas nach bi ach dithis ann am farpais Bonn Òir nam fear aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail a-màireach. 'S àbhaist ceathrar a bhith a' dol air adhart gu cùirt dheireannach na farpais, ach cha tàinig air adhart ach triùir am-bliadhna 's tha fear dhiubh sin air tarraing às.
Loidhne a' Chaoil
Sguiridh seirbheisean trèana eadar Inbhir Pheofharain agus Caol Loch Aillse airson trì seachdainnean bho Dhiluain seo tighinn fhad 's a bhios leasachadh air mu cheithir mìle den loidhne eadar Achadh nan Seileach agus Srath Charrann. Bidh seirbheis bus ann an àite nan trèanaichean.