Dh'fhosgail Bun Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Dh'fhosgail an treasamh Sgoil Ghàidhlig air a' Ghàidhealtachd a dorsan Diluain le Bun Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a' cur fàilte air còrr is sia fichead sgoilear.

Às dèidh 10 bliadhna de strì air a son, agus deasbad gu leòr a' dol fhathast mu deidhinn, chaidh sgoilearan òga Gàidhlig Phort Rìgh air ais às dèidh saor-làithean na caisge chun na sgoile spaideil ùire aca shuas air cùl bhaile Phort Rìgh.

B' e teachdaireachd an là, co-dhiù bho chomhairliche a bha an-làthair, gum bu choir coimhearsnachd an Eilein uile taic a chur rithe.

Chaidh an aithris seo a cheartachadh 17/04/18 gus sealltainn gur e Comhairle nam Pàrant a chur an rannschadh mu sgoil ùr air dòigh agus nach e Comunn nam Pàrant.