Co-chomhairle mu sgoil Ghàidhlig ga diùltadh
Dhiùlt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a dhol air adhart le co-chomhairle airson sgoil Ghàidhlig san Òban.
Bha pàrantan air sgrùdadh a chur air dòigh ron seo, a cho-dhùin gun robh taic làidir san sgìre airson a leithid.
Ach cho-dhùin comhairlichean gun robh iad deònach tilleadh dhan chuspair nam biodh atharrachadh susbainteach ann leithid gealltanas maoineachaidh bho Riaghaltas na h-Alba.
Seo Andreas Wolff.