Coinneamhan mu shealbh air Oighreachd nam Bàgh

Thèid coinneamhan a chumail san t-Ob, ann am Bearnaraigh na Hearadh, agus anns na Bàigh eadar seo agus deireadh na mìos gus fiosrachadh a thoirt do mhuinntir an àite mun oidhirp a tha ga dèanamh gus sealbh fhaighinn air Oighreachd nam Bàgh.

Tha dùil gun tèid buil an rannsachaidh fhoillseachadh sa Mhàirt, agus gheibh muinntir na sgìre an cothrom an uair sin bhòtadh air am bu chòir an oighreachd a cheannachd.