Beachd Conchùr Ò Giollagàin - prìomh ùghdar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community
Tha an leabhar The Gaelic Crisis in the Vernacular Community air tòrr deasbaid a thogail.
Thuirt an rannsachadh san leabhar gu bheil an cànan ri uchd bàis anns na sgìrean dùthchasach eileanach agus gu bheil atharrachadh poileasaidh mòr a dhìth airson sin a chur ceart.
Tha feadhainn a' fagail air na h-ùghdaran - luchd-rannsachaidh bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Soillse - gu bheil iad a' dèanamh sgaradh agus a' dèanamh dìmeas air luchd-labhairt 's luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig taobh muigh nan eilean.
Seo agallamh slàn le ceannard na sgioba rannsachaidh agus priòmh ùghdar an leabhair, an t-Oll. Conchùr Ò Giollagàin.