GME ga iarraidh ann an Rinn Friù an Ear
Tha oidhirp a' dol ann an Siorrachd Rinn Friù an Ear foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn san sgìre.
Chan eil foghlam Gàidhlig ga thabhann innte an-dràsta agus feumaidh clann siubhal gu sgìrean comhairle eile - leithid Ghlaschu agus Siorrachd Lannraig a Deas - airson fhaighinn.
Tha pàrant tè dhiubh sin a-nis a' trusadh iarrtasan bho theaghlaichean a mhiannaicheadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig fhaighinn san sgìre.
Tha an aithris seo aig Annabel NicIllinnein.