Briseadh-dùil mu fhoghlam Gàidhlig an Glaschu

Chuala còrr 's 20 teaghlach ann an Glaschu nach fhaigh an cuid chloinne a-steach gu foghlam Gàidhlig anns a' bhaile am-bliadhna.

Ged a tha dòchas ann gum faigh co-dhiù cuid dhiubh sin àite air a' cheann thall, fàgaidh seo mìosan de mhì-chinnt air thoiseach air pàrantan.

Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu gum feum iad rian a chumail air na h-àireamhan.

Seo Ruairidh Alastair MacIllinnein.