Seirbheis do charbadan a-rithist aig Aiseag a' Chorrain

- Air fhoillseachadh
Thòisich seirbheis do charbadan às ùr aig Caolas a' Chorrain is an MV Maid of Glencoul air tilleadh.
Bha am bàta air a bhith briste bhon Ghiblean is cha robh seirbheis ann do charbadan bhon uair sin.
Bha am prìomh aiseag air an t-slighe, an MV Corran, mar-thà a-mach à seirbheis.
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil obair-càraidh a' leantainn air an MV Corran ach nach bi i air ais ann an seirbheis gu deireadh an Ògmhios aig a' char as tràithe.
Tha am Maid of Glencoul nas sine is nas lugha.
Bha a' Chomhairle air innse gun rachadh na seirbheisean eadar-amail a bh' ann do luchd-coise a-mhàin anns na seachdainnean mu dheireadh a tharraing leis gun robh am Maid of Glencoul air tilleadh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain ge-tà, dh'innis Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach ann an Àird Ghobhar, gun deach aontachadh às dèidh iarrtasan bhon choimhearsnachd gun tèid cuid dhiubh a chumail.
Tha sin a' fàgail gum bi clàr-ama nas fharsaing air an t-seirbheis aiseig do luchd-coise eadar Camas nan Gall is an Gearasdan, is gun lean an t-seirbheis bus eadar Shròn an t-Sìthein is Camas nan Gall do dhaoine a tha a' cleachdadh na seirbheis.
Thuirt Màiri Anna gu bheil sin agus tilleadh am Maid of Glencoul a' ciallachadh gu bheil "rudeigin a tha a' tighinn nas fhaisge air a bhith na siostam ceangailte còmhdhail poblach" a-nise ann, ged a thuirt i gur e "suidheachadh doirbh" a th' ann fhathast.
Màiri Anna NicUalraig a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Thog i ceist cuideachd am bi an MV Corran dha-rìribh air ais aig deireadh na mìos.
"Bhithinn-sa gu math toilichte sin fhaicinn ach dìreach a bhith a' smaointinn air, gum feum am pàirt a tha a dhìth a dhèanamh agus an uairsin a thilleadh a dh'Alba is a chur an gnìomh agus a dhol tro dheuchainnean agus teisteanas agus tilleadh a-nuas - tha mi a' smaoineachadh gu bheil e caran dòchasach.
"Mar sin, tha sinn fhathast gu bhith as aonais a' bhàta mhòir nuair a tha i a' sìor fhàs trang", thuirt i.
Mar gu leòr anns an sgìre, tha Màiri Anna airson is gum bi ceangal stèidhichte aig Caolas a' Chorrain san ùine fhada.
Thuirt i gu bheil na seachdainnean mu dheireadh air sealltainn nach eil tuigse aig mòran chomhairlichean air Ghàidhealtachd air cho cudromach 's a tha an ceangal agus a' bhuaidh air a' choimhearsnachd nuair nach eil seirbheis aiseig ann.
Tha gnothachasan air a bhith a' call nam mìltean notaichean gach là, thuirt i, is draghan mòra cuideachd gum bi buaidh leantainneach air cliù na sgìre.
"Mar a chanas iad ann am Beurla - reputational damage - tha daoine a' smaoineachadh 'uill cha dèan sinn seo an turas seo'
"Tha sin doirbh a dhèanamh a-mach ach tha e cho follaiseach 's a ghabhas gu bheil e ann is bheir sin ùine mhòr faighinn seachad air".