Fàs air Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean

Dealbh a' sealltainn seilein air muin flùir phurpaidh. Chì sinn na sgiathan beaga air an t-seilean agus an dealbh gu math faisg air. Tha a' ghrian a' deàrrsadh agus am buidhe, dubh, purpaidh agus uaine san dealbh gu math làidir. Tùs an deilbh, Shona NicIllFhialain
  • Air fhoillseachadh

Bha riamh dlùth-cheangal eadar muinntir nan Eilean Siar is nàdar.

'S dòcha nach eil e na iongnadh mar sin gu bheil Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean air fàs bho thòisich e ann an 2022 - is gu bheil dùil gun tèid a' choimhearsnachd fhèin an sàs ann barrachd is barrachd.

Tha fèis 2025, taobh a-muigh a' dol an-dràsta is clàr slàn ann gu Disathairne le tachartasan air an iomall gu deireadh na h-ath-mhìos.

​'S e fèis coimhearsnachd a th' ann fo stiùir Urras Glèidhteachais nan Seilleanan-mòra mar phàirt de Ghnèithean air an Oir.

Tha tòrr thachartasan air a bhith ann mar-thà bho chuairtean air tràighean, cuairtean ann an diofar sgìrean a' sireadh fiath-bheatha shònraichte, tursan-mara a' lorg mhucan-mara is leumadairean agus gu leòr eile.

Tha Shona NicIllFhialain, Oifigear Leasachaidh Comann Rìoghail Dìon nan Eun, mar phàirt mhòr den fhèis agus i air a bhith na lùib bhon a thòisich e.

Shona NicIllFhialain na seasamh sa Ghearradh Chruaidh air drochaid bheag fhiodha, le craobhan uaine air a cùlaibh. Tha an t-uisge ann agus sin ri fhaicinn air seacaid Shona. Tha samhla Chomann Rìoghail Dìon nan Eun air a seacaid dhubh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Shona NicIllFhialain na h-Oifigear Leasachaidh do Chomann Rìoghail Dìon nan Eun

"Tha Fèis Fiadh-bheatha nan Eilean air a bhith a' dol airson trì bliadhna a-nis agus 's e fèis gu math diofraichte a th' ann a chionn 's tha e a' dol tarsainn nan Eilean air fad bho Bharraigh suas gu Nis, agus tha tòrr diofar thachartasan againn thairis air aon seachdain," tha Shona ag ràdh.

"A' mhòr-chuid den ùine 's e rudeigin a thaobh nàdair a thathar a' bruidhinn air."

Bhon a thòisich an fhèis, tha na tachartasan a tha mar phàirt dhith air fàs agus faisg air 90 dhiubh ann am-bliadhna.

Tha na tachartasan air a bhith air feadh nan eilean agus air-loidhne.

Tha sin air cothrom a thoirt do dhaoine pàirt a ghabhail ann an diofar rudan gu h-ionadail.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Air a' chiad bhliadhna a bh' againn, bha sinn ag amas air diofar dhaoine bho na h-eileanan air fad a bhith an sàs ann agus a bhith ag ionnsachadh mun nàdar a bha timcheall orra a chionn 's a' mhòr-chuid den ùine, bidh daoine a' dol seachad air rudan 's chan eil iad a' mothachadh dè a th' aca air an starsaich aca!"

"S mar sin, bha an fhèis gu mòr airson nan daoine anns na h-Eileanan an Iar a-mhàin an toiseach.

"Sin an t-amas a bh' againn, gum biodh daoine a' faighinn tlachd às an àrainneachd aca fhèin."

Ochdnar nan seasamh air cidhe ann am Barraigh air là brèagha samhraidh. Tha a' mhuir gorm agus ciùin, cnoc beag gorm air an cùl agus an speur gorm 's chan eil ach sgoth bheag no dhà ri fhaicinn. Tha coltas ann gur e deagh là th' ann agus briogais-ghoirid agus speuclairean-grèine air cuid aca. Tùs an deilbh, Shona NicIllFhialain
Fo-thiotal an deilbh,

Cuairt ann am Barraigh a bha mar phàirt den Fhèis an-uiridh

Leis mar a tha an fhèis air fàs, tha na cuspairean air a bheil iad a' bruidhinn air leudachadh cuideachd - bho chuairtean a' lorg iolairean, sgrìob a' coimhead an traoin, cuairtean mara a' lorg dobhran, seiseannan air a bhith a' sgrìobhadh bàrdachd mu nàdar, bùithdean-obrach mu bhith a' togail deilbh agus iomadach rud, is beathach eile.

Le bliadhna eile den fhèis cha mhòr seachad, cò air a bheil iad ag amas airson nam bliadhnaichean a tha romhainn?

"Tha sinn an dòchas gum bi a' choimhearsnachd a' gabhail thairis air an fhèis agus gum bi iadsan pròiseil às 's gum bi iad airson a bhith an sàs ann," tha Shona ag ràdh.

"'S gum bi iad mar phàirt mhòr den fhèis 's gum faigh iad fhèin rudeigin às cuideachd."