Sgeulachdan choimhearsnachdan a cheannaich gan tasgadh

"...agus uairean de shonas chaomh..."
- Air fhoillseachadh
An cois gach coimhearsnachd an Alba, coltach ris a' chòrr den t-saoghal, tha sgeulachd.
Thòisich na sgeulachdan sin cho fada air ais ann an eachdraidh 's gu bheil measgachadh de mhath is de dhona nan lùib uile.
Eadar casgairt is còmhstri nam fineachan Gàidhealach, sgaoileadh na Crìosdaidheachd, na fuadaichean agus eilthireachd, na h-ath-dhùsgaidhean spioradail, cogaidhean agus iomairtean gus an eaconomaidh a neartachadh tha gu leòr ri innse.
Do chuid de na coimhearsnachdan an là an-diugh, tha caibideil eile air a bhith ann o chionn ghreis.
Dhaibhsan a th' air am fearann a cheannach às leth na coimhearsnachd, dh'fhaodadh gu bheil faireachdainn ann gu bheil doras air dùnadh eadar iad agus na thachair roimhe. Tha am beatha, mar choimhearsnachdan, nan làmhan fhèin, seach na rud a ghabhadh ceannach is reic.
Tha na sgeulachdan aca a-niste gan cruinneachadh airson an cur an lùib tasglann nàiseanta le Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.

Cò nach cuala sgeul air Dùn Bheagain?
'S i tè de na coimhearsnachdan sin, Dùn Bheagain, ann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.
Cò gu dearbha, nach cuala sgeul air Dùn Bheagain? Tha an t-ainm a' nochdadh tric ann an sgeulachdan mu na fineachan Gàidhealach, 's mun ghamhlas a bh' ann eadar Clann MhicLeòid Dhùn Bheagain agus Dòmhnallaich Shlèite.
'S ann mun chaisteal, seach am baile, mar as trice, a chuala daoine ge-tà.
Far a bheil claidheamhan, bidh clàradh, dh'fhaodadh tu a ràdh.
Ach cha b' ann mar sin a bha e uile.
"Gàireachdaich agus còineadh,
gaol is mire 's fulangas,
fearg is fuath agus gamhlas,
treuntas, gealt is bristeadh cridhe,
agus uairean de shonas chaomh"
... bha sin uile ann anns gach coimhearsnachd a bha ann uair 's a tha ann fhathast, mar a thuirt Somhairle MacGillÈain.
Cha chlàrar sin cho tric ge-tà.

"...gàireachdaich agus còineadh..."
Pàirt de na thachair ann an Dùn Bheagain, b' e gun do thòisich companaidh teicneòlais a thug deagh obraichean dhan sgìre, 's a bhathas a' faicinn na deagh eisimpleir air mar a ghabhadh eaconomaidh an àite a chur air bun-stèidh nas seasmhaiche.
Bha Gaeltec an sàs ann a bhith a' dèanamh uidheamachd shònraichte a mhothaicheadh bruthadh, 's bhathas ga cleachdadh ann an obair mheadaigich is bheataireachd.
Gu mì-fhortanach ge-tà, cha do mhair Gaeltec agus am fichead deagh chosnadh a thug e don bhaile, 's dhùin an lab aca ann an Dùn Bheagain a dhorsan o chionn ochd bliadhna.
Tha dùil aig a' choimhearsnachd na dorsan sin fhosgladh às ùr ge-tà, 's goireas coimhearsnachd a dhèanamh dheth, fon chòir a th' aca fo Achd Ath-leasachaidh an Fhearainn.

"...treuntas, gealt is bristeadh cridhe..."
Siud dìreach aon eisimpleir de na sgeulachdan a th' aig 840 coimhearsnachd ann an Alba far a bheil an sluagh air tighinn còmhla gus goireasan, pìos fearainn, no oighreachd fiù 's a cheannach.
A-niste, tha tasglannaiche Fearann Coimhearsnachd na h-Alba, Iain Craig, a' coimhead ri tasglann nàiseanta a chruthachadh, taobh a-muigh a dh'innseas sgeulachdan nan coimhearsnachdan a chleachd an reachdas sin gus caibideil ùr a thòiseachadh dhaibh fhèin.
"Coltach ri Dùn Bheagain, tha sgeulachd aig a h-uile coimhearsnachd ri innse, agus tha na sgeulachdan sin gu tric iongantach agus dràmadach," thuirt e.
"Tha am pròiseact againn ag amas air dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom air sgeulachdan nan coimhearsnachdan seo, a' glacadh eachdraidh nan daoine 's nan coimhearsnachdan, 's a' mìneachadh air a' cheann thall carson a roghnaich uiread dhiubh smachd a ghabhail air cùisean iad fhèin."