£1,000 do dh'oileanach ciùil 'son gluasad a dh'Uibhist a Deas

- Air fhoillseachadh
Tha UHI a Tuath, an Iar agus Innse Gall a' tabhann £1,000 airson taic a thoirt do dh'oileanach gluasad a dh'Uibhist a Deas a dhèanamh cùrsa ann an ceòl traidiseanta.
Tha e mar phàirt den iomairt "Learn in Uist" a th' airson daoine a bhrosnachadh a dhol a dh'Uibhist seach dhan bhaile mhòr airson foghlaim.
Bidh oileanaich à tìr-mòr mar as trice a' roghnachadh nan solas mòra nuair a thig e gu oilthigh a thaghadh, ach tha Ailean MacEanraig, a bhios a' teagasg pàirt-ùine aig a' champas ann an Cnoc Soilleir, den bheachd gu bheil rudeigin eile ga thabhainn air oileanaich anns na h-Eileanan.
"Tha e a' deapandadh air dè seòrsa cuspair a tha sibh a' dol a bhith a' rannsachadh," thuirt e.
"Tha sinn làn-chinnteach gu bheil na cùrsaichean ciùil a th' againn ann an Uibhist a' toirt do dh'oileanaich gach nì a dh'fheumas iad airson a bhith a' tòiseachadh ag obair ann an saoghal a' chiùil phroifeiseanta.

"Tha fhios againn dè cho ceangailte 's a tha ceòl agus, gu h-àraidh ceòl traidiseanta ris a' choimhearsnachd an seo ann an Uibhist.
"Bhon là a rugas tu chun an là mu dheireadh, fhios agad, tha ceòl traidiseanta a' gabhail pàirt ann am beatha na coimhearsnachd."
Tha taic shòisealta na coimhearsnachd a' cur ri ionnsachadh oileanaich chiùil thraidiseanta, mar a fhuair feadhainn a bhuineas dhan àite 's a roghnaich cùrsaichean a dhèanamh ann an Uibhist.
"Bha e follaiseach dhomh gum bu chòir dhomh a dhol nam oileanach an Uibhist," thuirt Seonaidh Mac an t-Saoir, on chòmhlan Trail West, a rinn cùrsa HNC ann an Ceòl aig UHI ann an Uibhist.
"Ged a bhuineas mo do dh'Uibhist co-dhiù, thug e dhomh cothrom fuireach am measg a' chultair 's a' chànain a th' air an ceòl a tha mi air a bhith a' cluich fad mo bheatha a chumadh.
Tha Ailean MacEanraig ag ràdh gum faigh oileanaich a h-uile rud a dh'fheumas iad 'son beatha ann an gnìomhachas a' chiùil thraidiseanta
"Leig e leam cuideachd ionnsachadh agus a bhith ri ceòl am measg coimhearsnachd a th' air leth taiceil agus fiosrachail - dh'ionnsaichear an t-uabhas mu cheòl 's mu chànan le bhith dìreach a-muigh a' bruidhinn ri daoine ann an Uibhist!"
"Bha an t-oideachas math dha-rìribh, agus chanainn gun do chum 's gun do ghleus a' bhliadhna a thug mi le Iain Dòmhnallach airson leasannan pìoba 's feadaige mo stoidhle cluich 's mo shealladh air an traidisean.
"Bha na moidealan a tha an lùib a' chùrsa a' fàgail gun robh mi deiseil airson an iomadh car a chuireas ceòl nad rathad, gu h-àraid a bhith ag ionnsachadh mu chlàradh fuaime - rud a tha riatanach san là a th' ann, saoilidh mi."
Gheibhear an còrr fiosrachaidh mun mhaoineachadh an seo, taobh a-muigh
