Tòrr cheistean mu bhuaidh obair SSEN ann an Leòdhas

Crainn-dealain is muilnean-gaoithe ann an Leòdhas
  • Air fhoillseachadh

Feumaidh bunstructar Leòdhais a bhith nas fheàrr na tha e an-dràsta nuair a bhios obair-leasachaidh aig SSEN deiseil, a rèir chathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Bha Ùisdean Robasdan a' bruidhinn agus còmhraidhean air a bhith ann eadar diofar bhuidhnean mun bhuaidh a bheir an obair air an eilean 's air a' choimhearsnachd.

Togaidh SSEN fo-stèisean ùr, le càball-dealain ùr fon mhuir a' ceangal an eilein ri tìr-mòr.

Tha dùil gum bi 24 làraidh mhòir san là a' tighinn thar an aiseig chun an eilein an cois na h-obrach, agus mu choinneimh sin, tha Mgr Robasdan ag ràdh gum bi feum air bàta eile a chur air an t-slighe cuide ris an MV Loch Seaforth, leis nach gabh i fhèin ach 20 làraidh den t-seòrsa sin aig an aon àm, 's feum air rùm 'son bathair àbhaisteach cuideachd.

"Nuair a bha sinn a' bruidhinn ri CMAL an-raoir, bha iadsan ag ràdh gun robh iad misneachail gun gabhadh rudeigin dèanamh airson bathar a-mhàin a ghluasad, ach tha draghannan ann, aig a' phort ann an seo nach eil ann ach an aon linkspan," thuirt Ùisdean Robasdan.

"'S tha an Loch Seaforth fhèin ag obair uabhasach cruaidh agus tha i a' fàs nas sine cuideachd.

"Tha sinn air fhaicinn nuair a ruigeas aiseagan aois àraid tha duilgheadas teicnigeach a' tighinn a-staigh."

"Feumaidh sinn a bhith mothachail dhan sin, agus tha mi a' smaoineachadh gur e rud a th' ann a dh'fheumas planaichean a bhith ann san aithghearrachd airson coimhead ciamar a tha iad a' dol a dhèiligeadh ri seo," thuirt e.

An Comh. Ùisdean Robasdan
Fo-thiotal an deilbh,

Tha CMAL misneachail, a rèir a' Chomh. Ùisdean Robasdan, gun gabh bàta bathair eile fhaighinn mu choinneimh na dh'fheumas de stuthan a bhith air an aiseag a-nall

Tha SSEN an dùil càball-dealain a cheangaileas Leòdhas ri tìr-mòr agus fo-stèisean ùr a thogail ann an Leòdhas bhon ath-bhliadhna airson an lìonra a neartachadh mu choinneimh leasachaidhean ath-nuadhachail a th' air fàire.

Tha dùil gum bi an obair a' tòiseachadh sa bhliadhna ùir, agus gum bi e deiseil ro 2030.

Tha buidhenean poblach leithid na Comhairle, a' Bhùird Slàinte agus CalMac air a bhith ann an còmhraidhean leotha is ceistean gan togail ciamar a dhèiligeas bunstructar an eilein ris an àireimh de luchd-obrach is bathar a thig an cois na h-obrach.

Thathas a' tuigsinn gu bheil SSEN a' coimhead ri làrach air Mòinteach Àranais airson am fo-stèisean a thogail, agus dùil ri fios a dh'aithghearr an tèid leotha le cead-dealbhachaidh.

Ceannard ChalMac, Donnchadh Mackison
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ceannard ChalMac, Donnchadh Mackison, ag ràdh gum feumar a bhith soilleir nach eil CalMac comasach air a h-uile rud a ghiùlain an lùib na h-obrach

Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' co-obrachadh leis na buidhnean a tha an sàs ach tha an Ceannard, Donnchadh Mackison, ag ràdh gum feum tuigse a bhith ann air na 's urrainn dhaibhsan a dhèanamh.

"Feumaidh sinne coimhead às dèidh an luchd-cleachdaidh againn," thuirt Mgr Mackison.

"Tha sinn ag iarraidh sin a dhèanamh, agus far am bi e comasach tha sinn ag iarraidh pàirt a bhith againn san fhuasgladh a tha sin.

"Ach saoilidh mi gum feumar aithneachadh nach bi CalMac comasach air a h-uile rud fhaighinn chun agus far an eilein.

"Feumaidh sinn a bhith da-rìribh mu dheidhinn sin. 'S e seirbheis riatanach a th' ann, agus feumaidh sinn dèanamh cinnteach gum bi daoine fhathast comasach air an t-seirbheis a chleachdadh."

Fo-stèisean dealainTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha SSEN a' coimhead ri làraich air Mòinteach Àranais airson fo-stèisean ùr a thogail, le dùil ri fios a dh'aithghearr a thaobh cead-dealbhachaidh

Thuirt SSEN gu bheil iad a' cumail orra le còmhraidhean leis na buidhnean eadar-dhealaichte, agus gu bheil iad ag amas air buaidh cho beag 's a ghabhas a thoirt air seirbheisean aiseig gu h-àraid - le sùil aca ris a' chala ùr domhainn a chleachdadh ma 's urrainn.

"Tha làn-tuigse againn air an fheum a th' ann buaidh cho beag 's a ghabhas a thoirt air seirbheisean aiseig an eilein, air àiteachan-fuirich agus cleachdadh nan rathaidean, agus tha sinn a' dèanamh planaichean air thoiseach air sin da rèir," thuirt labhraiche às leth na companaidh.

"Fhad 's gum bi seo an urra ri clàran-ama a' phròiseict agus ìrean na h-obrach togail, dh'iarramaid a dhèanamh soilleir dhan choimhearsnachd gur e an t-amas againn gun an t-aiseag a chleachdadh ach a-mhàin nuair a dh'fheumas sinn, 's far an gabh e dèanamh gun cleachdamaid an Cala Domhain ùr airson uidheamachd throm agus stuthan eile a thoirt chun na làraich.

"Tha sinn a' cumail oirnn ag obair gu dlùth leis an t-sèine solair againn airson plana riaghlaidh trafaig obrach ciallach a leasachadh a bheir prìomhachas do bhith a' lùghdachadh buaidh na h-obrach air a' choimhearsnachd, air luchd-cleachdaidh nan rathaidean, agus lìonra còmhdhail an eilein."

Taighean Ùra

Thèid taighean ùra a thogail cuideachd airson an luchd-obrach, le dùil gun tèid iad sin a thoirt seachad don Chomhairle nuair a bhios an obair deiseil.

"A thaobh àiteachan-fuirich, tha sinn a' coimhead ri diofar roghainnean ann an dlùth-cho-obrachadh le CnES agus buidhnean ionadail eile, nam measg Urras Oighreachd Ghabhsainn, airson fuasglaidhean taigheadais iomchaidh a leasachadh," thuirt labhraiche SSEN.

"Bidh seo a' toirt taic 's a' cur cabhag ann an lìbhrigeadh dhachannan blàth air prìs reusanta.

"'S e ar n-amas gum bi an luchd-obrach a' fuireach ann an dòigh a chuireas taic ris an eaconomaidh ionadail agus aig a' cheart àm a' toirt spèis do dh'fheumalachdan muinntir an àite."

Tha dùil gun tòisich an obair-togail, ma thèid cead-dealbhachaidh a thoirt seachad, as t-Earrach 2026.