Dùnadh rathaid an Siorrachd Rois air a chur dheth ri linn dragh coimhearsnachd

Ceann-rathaid an A862Tùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Bha dragh gum biodh an t-seach-shlighe a dh'fheumadh dràibhearan a ghabhail ro fhada

  • Air fhoillseachadh

Tha Uisge na h-Alba air pròiseact trì mìosan, a bhiodh air an A862 eadar Inbhir Pheofharain agus Àidilidh a dhùnadh rè ùine, a phutadh air ais.

Bha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh am pròiseact air luchd-siubhail anns an sgìre.

Bha còir gun tòisicheadh an obair-leasachaidh air na pìoban uisge ri taobh an A862 an ath-mhìos.

Ach bha draghan ann gun robh an t-seach-shlighe a bhiodh aig luchd-siubhail ri ghabhail ro fhada 's gun cuireadh e cus maill air daoine.

Sin agus obair-leasachaidh cuideachd gu bhith air a dhèanamh air an t-slighe sin, thairis air Drochaid Linne Chrombaigh, nas fhaide den Iuchar.

Tha Uisge na h-Alba air leisgeul a thabhann airson uallach adhbharachadh dhan choimhearsnachd.

Tha dùil a-nis gun tèid an obair a dhèanamh as t-earrach an ath-bhliadhna.