Calmachd Clann-Nighean an Sgadain a chaidh air an casan airson cothromachd

Clann-nighean an sgadainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha taisbeanadh ùr ag innse sgeulachd cruadalachd nam boireannach a bha ri giollachd an sgadain agus a rinn stailc airson pàigheadh a bharrachd.

'S e Red Herring a th' air an taisbeanadh aig taigh-tasgaidh Timespan ann am Bun Illidh, togalach air leth freagarrach oir 's e stèisean ciùradh sgadain bh' ann.

Tha seann dealbhan a' sealltainn cho cruaidh 's a bha saoghal clann-nighean an sgadain.

Taisbeanadh mu chlann-nighean an sgadain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an taisbeanadh ann an seann togalach a bha uair na stèisean ciùradh sgadain

Am beachd an neach-ealain a chuir air dòigh an taisbeanadh, Joanne Coates, tha na carraighean-cuimhne a chithear an iomadach port a' cur gleans caran romansach air an eachdraidh.

Thuirt i: "Tha iad a' sealltainn daonnan boireannaich a tha sona agus saoirsneil gun a bhith ag innse mu cho cunnartach 's a bha an obair aca."

Bhiodh na boireannaich - mòran eileanach nam measg - a' leantainn cabhlach an sgadain bho phort gu port agus b' e an obair aca an t-iasg a chutadh agus a chur ann am baraillean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

'S e saothair chruaidh a bh' ann agus cha robh am pàigheadh ach truagh.

"Cha robh iad a' faighinn ach 10 seann sgillin a' bharaill," thuirt an t-eachdraiche Magaidh Nic a' Ghobhainn.

Tha an taisbeanadh a' cuimhneachadh air mar a chaidh iad air stailc ann an Great Yarmouth ann an 1936.

A rèir aithris bha suas ri 6,000 boireannach an sàs ann.

Thuirt Magaidh Nic a' Ghobhainn: "Tha sin smaoineachail gun robh na bha sin aca sa bhaile sin aig an àm airson a dhol air stailc."

Tha i den bheachd nach eil "mothachadh gu leòr air a' ghnìomhachas a bh' ann agus na bh' ann aca agus an obair a rinn iad fad seachd no ochd mìosan den bhliadhna".

Tha Joanne Coates ag ràdh gu bheil tòrr ri ionnsachadh bhon eachdraidh seo fhathast.

"Tha a bhith a' coimhead air an àm a dh'fhalbh a' toirt oirnn uaireannan a bhith a' faighneachd cheistean mu na tha a' tachairt an-diugh agus mar a tha a' tachairt do dhaoine is coimhearsnachdan cuideachd," thuirt i.