Taighean aig prìs reusanta gan togail an Cnòideart
- Air fhoillseachadh
Fhuair Caidreachas Chnòideirt cead-dealbhachaidh aison seann togalach ùrachadh agus trì dachaighean a thogail ann, agus airson trì taighean ùra eile faisg air làimh.
Cheannaich an caidreachas an talamh mus robh am pandemic ann le taic bho Stòras Fearainn na h-Alba.
Sheall sgrùdadh coimhearsnachd ann an 2020 gu bheil cruaidh fheum air dachaighean ùra do luchd-còmhnaidh Chnòideirt.
'S e amas a' phròiseict barrachd thaighean a thogail a bhios ri fhaotainn aig prìs reusanta agus àrdachadh a thoirt air na tha de chloinn ann am bun-sgoil na sgìre.
Bidh trì de na taighean ùra air an togail air làrach seann togalaich, Millburn Cottage, ann an Inbhir Aoidhe.
Fhuaireadh cead cuideachd airson dà thaigh leth-dhealaichte agus airson aon taigh fa leth do dhaoine a th' airson an togail iad fhèin.