£370,000 do Chultarlann Inbhir Nis

Cultarlann Inbhir Nis, an t-seann Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh
  • Air fhoillseachadh

Bheir Riaghaltas na h-Alba £370,000 do Chultarlann Inbhir Nis, an t-ionad ùr airson cànan is cultar na Gàidhlig a bhrosnachadh sa bhaile.

Thèid an t-airgead a chleachdadh airson àite a chruthachadh far an cumar cruinneachaidhean, cèilidhean agus taisbeanaidhean anns an ionad aca san t-seann Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh.

Tha am maoineachadh ùr seo ga fhaicinn mar cheum chudromach a dh'ionnsaigh an togalach a leasachadh, le dùil gum bi seòmraichean coinneimh ann cuideachd airson cùrsaichean cànain, bùth agus cafaidh.

Tha e mar phàirt de phasgan mhaoineachaidh £4m airson iomairtean Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na h-Alba.

'S e an Cultarlann a' chiad ionad cultarail sònraichte airson Gàidhlig a bhrosnachadh air Ghàidhealtachd, agus thathas a' sùileachadh gun tàl e cuideachd luchd-turais 's gum faigh daoine air coinneachadh ri daoine a bhruidhneas an cànan ann, 's ionnsachadh mun chànan agus eachdraidh nan Gàidheal.

Sheall figearan a' Chunntais-sluaigh a chaidh fhoillseachadh am-bliadhna gu bheil 12% a bharrachd dhaoine ann an Inbhir Nis le comasan sa Ghàidhlig na bha ann an 2011.

“Airson cor na Gàidhlig a neartachadh, tha sinn a’ cur taic ri pròiseactan leithid Cultarlann Inbhir Nis far am faigh barrachd dhaoine cothrom gus an cànan a chleachdadh nam beatha làitheil," thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear is Rùnaire a’ Chaibineit airson na h-Eaconamaidh is Gàidhlig, Ceit Fhoirbeis.

“Tha a’ Ghàidhlig mar phàirt prìseil is sònraichte de chultar na h-Alba, agus sin carson a tha adhartachadh a’ chànain cuideachd a’ cuideachadh le bhith a’ tàladh luchd-turais agus a’ cur ris an eaconamaidh.

“Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ cur taic ri adhartas leantainneach dhan chànan air a’ Ghàidhealtachd le bhith ag obair còmhla ri càch gus Bile nan Cànan Albannach a thoirt air adhart.

"Bidh am Bile a’ stèidheachadh siostam tron urrainn do gach pàrant cur a-staigh airson tràth-ionnsachadh Gàidhlig agus seirbheisean cùraim-chloinne dhan chloinn aca agus tha cumhachdan sa Bhile cuideachd gus foghlam Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean a neartachadh.”

'Togalach iongantach'

“Tha sinn air leth taingeil airson a’ mhaoineachaidh fhialaidh seo," thuirt Cathraiche a' Chultarlainn, Mairead Mulholland.

"Tha e a’ ciallachadh gun urrainn dhuinn adhartas mòr a dhèanamh leis na planaichean againn airson Ionad Cultarach Gàidhlig.

"’S e togalach iongantach is ainmeil a tha seo agus leis a’ mhaoineachadh seo ’s urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gum bi e gu tur dìonach agus ’s urrainn dhuinn an obair-càraidh a tha a dhìth air an taobh a-muigh dheth a dhèanamh.

“Tha e a’ toirt toileachas mòr dhuinn fàilte a chur air an Leas-Phrìomh Mhinistear, Ceit Fhoirbeis, chun a’ Chultarlainn.

"Tha Ceit air leth taiceil dhan Ghàidhlig agus tha i a’ tuigsinn mar as urrainn dhan Chultarlann feum mòr a dhèanamh ann a bhith a’ cur cultar na Gàidhlig air adhart, agus ann a bhith a’ neartachadh a’ chultair, ann an Inbhir Nis agus air a’ Ghàidhealtachd air fad.”