Dh'fhaodadh cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd £10m sa bhliadhna a thogail

Luchd-coiseachd nam beann
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh cìs 5% a chur air feadhainn a thig chun na sgìre air làithean-saora neo airson adhbharan gnothachais.

Tha an t-ùghhdarras ionadail ag ràdh, aig a' char is lugha, gun togadh leithid de chìs deich £10m sa bhliadhna.

Thèid iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri conaltradh poblach air a' phlana a mhaireas trì mìosan aig coinneimh an ath-sheachdain.

Ma thèid gabhail ris an sgeama tha dùil nach bi e air a chur an gnìomh gu an Sultain 2026.

Theid beachdan dhaoine agus gnìomhachasan a shireadh air rudan mar dè cho àrd 's a bu chòir a' chìs a bhith, agus dè mar a bu chòir an t-airgead a thogas i a chosg.

Tha an Comh. Gowans na chathraiche air comataidh na h-eaconamaidh agus bun-structair aig Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha sin air coimhead ris agus tha sinn a' tomhas gum faodadh a' chìs eadar £10m agus £11m a thogail sa bhliadhna dhan chomhairle.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Murchadh Caimbeul, a bha bliadhnaichean ag obair ann an gnìomhachas na h-aoigheachd, a' bruidhinn mu na planaichean air Aithris na Maidne.

"Dh'fhaodadh gum bi an t-suim sin mòran na b' àirde. An-dràsta 's e airgead a tha sin a tha a' tighinn bho luchd-pàighidh na cìs-comhairle.

"'S e 5% àireamh a thagh sinne, coltach ri Dùn Èideann, ach nas ìsle na sgìrean eile. Mar eisimpleir, tha Amsterdam ag iarraidh 12% bho luchd-tadhail."

Thèid an co-chomhairleachadh fhoillseachadh air làraich-lìn na comhairle agus bidh leth-bhreacan clò-bhuailte cuideachd rim faotainn ma tha daoine gan iarraidh.