Gheibh am poball sealladh nas fheàrr air Fìr-thàileisg Leòdhais

Fir-thàileisg Leòdhais
  • Air fhoillseachadh

Thèid na Fir-thàileisg a chur ann am bogsa glainne gus an gabhadh am faicinn bho gach taobh airson a' chiad uair.

'S iad am measg nan rudan prìseil as tarrainge do luchd-tadhail Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.

Tha dùil gun deach na 10 fir-thàileisg a dhèanamh le ìbhri bho each-mara agus fiaclan muice-mara ann an Nirribidh bho chionn còrr is 800 bliadhna.

Chaidh an lorg ann an tràigh ann an Ùig ann an Leòdhas san 19mh linn.

Tha iad aithnichte mar-thà airson mar a tha na h-aodainnean aca air an dealbh ach tha an taisbeanadh ùr seo a' ciallachadh gum faigh daoine air sùil cheart a thoirt orra bhon chùl cuideachd.

Chì iad na pàtaranan a th' air na cathraichean sa bheil iad nan suidhe agus stoidhle nam meadhan-aoisean an gruaig cùl an cinn.