Àrdachadh 'dòchasach' nan traon an Canaigh
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann ghlèidhteachais ag ràdh gu bheil àrdachadh "gealltanach" san àireimh de thraoin ann an Eilean Chanaigh às dèidh bhliadhnaichean de dh'àireamhan gu math ìosal.
Thuirt Urras Nàiseanta na h-Alba gun deach co-dhiù eadar 12 agus 14 eòin fhireann a chlàradh.
Bha bliadhnaichean ann nuair nach robh anns an eilean ach eun neo dhà.
Tha an t-Urras, a tha a' stiùireadh an eilein, ag ràdh gun do chuidich nithean leithid mar a tha croitearan agus tuathanaich a' seachnadh am feur a ghearradh aig amannan sònraichte.
Tha an traon am measg 26 gnèithean de bheathaichean a tha Urras Nàiseanta na h-Alba air an comharrachadh mar phrìomhachasan anns na h-amasan aca an lùib a' Phlana 'son Nàdair a dh'fhoillsich a' bhuidheann.
Tha an t-urras an dòchas gum bi an obair aca ann an Eilean Chanaigh, far an deach còig sgìrean a chomharrachadh mar àiteachan a tha freagarrach dhan traon, na chuideachadh gus an àireamh de dh'eòin fhireann àrdachadh gu 50.