Bliadhna bho ionnsaigh shaidhbeir CnES

Malcolm Burr
Fo-thiotal an deilbh,

Thug Àrd-Oifigear na Comhairle, Malcolm Burr, taing don luchd-obrach air fad 'son na rinn iad thar na bliadhna a dh'fhalbh

  • Air fhoillseachadh

Bho chionn bliadhna Dihaoine, bha Comhairle nan Eilean Siar a' tomhas an sgrios a rinn ionnsaigh shaidhbeir air na siostaman coimpiutaireachd aca.

Bha a' bhuidheann phoblach as motha sna h-Eileanan Siar san dorchadas, le siostaman coimpiutaireachd agus conaltraidh air a dhol sìos, taobh a-muigh, gun fhios dè chaidh a chall agus dè ghabhadh a chùmhnadh.

Tha a' Chomhairle air adhartas mòr a dhèanamh sa bhliadhna bho thachair an ionnsaigh, a rèir Àrd-Oifigeir na Comhairle, Malcolm Burr, a th' air sgrìobhadh gu luchd-obrach na Comhairle air fad a thoirt taing dhaibh.

"Thàinig sinn astar mòr uabhasach san ùine sin," thuirt e.

"Dhomhsa, 's e an rud cudromach, a bheil sinn a' toirt seachad na seirbheis gach cuid a-staigh agus a-muigh?

"Tha a h-uile seirbheis againn a' ruith, chan eil a h-uile tè aca air faighinn seachad air na thachair buileach, ach tha a h-uile rud a' ruith - agus bha a h-uile rud a' ruith gu math goirid an dèidh na h-ionnsaigh gu ìre air choireigin.

"Feumaidh mi moladh a dhèanamh aig an ìre seo chan ann air sgioba an IT - ged is ann orrasan tha an t-uallach proifeiseanta a bhith - ach luchd-obrach air feadh an togalaich a th' air innleachdas do-chreidsinneach a nochdadh ann a bhith a' tighinn suas le dòighean timcheall air na duilgheadasan.

"'S e ionnsachadh a th' air a bhith aig a' Chomhairle ann an iomadh dòigh, chan ann a-mhàin a thaobh an IT ach a thaobh cho seasmhach 's a tha sinn agus cho math 's a tha an luchd-obrach againn.

"Agus feumaidh mi a ràdh, cho foighidinneach 's a tha am poball san fharsainneachd air a bhith."

Tha a' mhòr-chuid de na siostaman air ais ag obair no air an cruthachadh às ùr.

Chan eil dàil fhathast ach a thaobh dealbhachaidh agus cuid de dh'iarrtasan a thaobh Cìs na Comhairle.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Malcolm Burr a' bruidhinn mu bhuaidh na h-ionnsaigh.

Bliadhna an dèidh na h-ionnsaigh, cha mhòr nach eil fios ann le cinnt cò bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh, a rèir Mhgr Burr.

Ach chan eil coltas ann gun tèid am peanasachadh no a thoirt gu lagh.

'S e an t-amas a th' aig daoine a bheir ionnsaighean "ransomeware" den leithid air buidhnean airgead fhaighinn bho na buidhnean airson an dàta aca fhaighinn air ais.

Cha do phàigh a' Chomhairle sgillinn - sin poileasaidh nam buidhnean poblach gu lèir.

Tha a bhith a' cur ceart a' chroin a rinneadh ge-tà, air a bhith cosgail - agus bidh e cosgail sna bliadhnaichean ri thighinn.

"Chosg e tòrr," thuirt Mgr Burr.

"Feumar a roinn na dhà leth - na cosgaisean aon uair - 'son an stuth fhaighinn air ais - sin 's dòcha £500,000.

"Tha sinn ag obair còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus tha dòchas againn gun cuir iad ris an airgead sin.

"Tha cuideachd ge-tà, cosgais an lùib ghnothaichean a dhèanamh nas fheàrr. Cha chuirear air ais dìreach na bh' agad.

"Tha ceadan ùra ann, 's tha siostaman nas fheàrr ann.

"Na cosgaisean seo, feumaidh sinn an giùlain.

"Chan fhaod mi a ràdh an-dràsta dè a' chosgais iomlan a th' ann, ach bidh e timcheall air co-dhiù £250,000 gach bliadhna," thuirt e.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha cosgais mhòr air tighinn air a' Chomhairle airson na siostaman aca a chur ceart, agus leanaidh a' chosgais sin sna bliadhnaichean ri teachd