Stèisean poilis Loch Baghasdail a' gluasad gu Dalabrog

Loch Baghasdail
  • Air fhoillseachadh

Tha an stèisean poilis a bha stèidhichte ann an Loch Baghasdail a' gluasad gu làraich ùir ann an Dalabrog.

Bidh an t-seann stèisean, a tha an-dràsta suidhichte ann an togalach a tha air mhàl ann an Loch Baghasdail, a' dùnadh Diciadain.

'S ann ann an togalach a tha air a stiùireadh le Stòras Uibhist a bhios an stèisean stèidhichte a-nist, 's Poileas Alba ag ràdh gum bi an oifis nas lugha nas freagarraiche, far am faighear a-steach 24 uairean de thìde san là agus pàirceadh air a chomharrachadh do charbadan nan oifigearan.

Chaidh cead a thoirt do na molaidhean airson gluasad a-mach à Loch Baghasdail le Ùghdarras nam Poileas san Lùnastal 2021.

Mar phàirt de na molaidhean sin, chaidh co-chomhairle a chumail anns a' choimhearsnachd aig an àm.

Thuirt Poileas Alba nach toir an gluasad seo buaidh sam bith air seirbheisean poilis anns an sgìre.

Thuirt an t-Àrd Inspector Ross McCartney: "Le a bhith a' gluasad gu goireas a tha air a stiùireadh le Stòras Uibhist, 's e ceum air adhart a tha seo do dh'obair nam poileas gu h-ionadail.

"Tha co-shuidheachadh mar seo a' leigeil leinn a bhith an làthair ann an goireas coimhearsnachd, a' daighneachadh nan gealltanasan againn airson a bhith ri fhaighinn dhan mhòr-shluagh.

"Tha fadachd oirnn obrachadh le muinntir Uibhist a Deas bhon stèisean ùir againn ann an Dalabrog", thuirt e.

'S e an seòladh ùr aig an stèisean:

Oifis 2, Oifis Stòras, Dalabrog, Uibhist Deas HS8 5SS

Thuirt na poilis gu bheil an deasc-poilis as fhaisge fhathast stèidhichte ann am Beinn na Faogha agus gum faod daoine fònadh thuca air 101, no gu 999 airson suidheachaidhean èiginn.