Iomairt gus Talla Bhaile Dhùn Omhain a shàbhaladh
- Air fhoillseachadh
Tha Talla Bhaile Dhùn Omhain - Am Burgh Hall - air a bhith a' seasamh ann am meadhan a' bhaile airson còrr is 150 bliadhna, leis an ionad-ealain air gu leòr thachartasan is taisbeanaidhean fhaicinn thairis air na bliadhnaichean.
Ach leis gun deach taic maoineachaidh riatanach a chall bho chionn ghoirid, dh' fhaodadh gum bi aca ris na dorsan a dhùnadh.
Tha cleasaichean ainmeil aig a bheil dachaigh san sgìre - Emma Thomson agus an duine aice Gregg Wise - air a dhol an sàs san iomairt 'son an t-àite a shàbhaladh.
Ann an teachdaireachd bhideo thuirt Emma: "'S e togalach iongantach a tha seo, agus na bhroinn tha e beò agus air ghoil."
Cead do stuth X?
Tha stuth bho X an lùib an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig X mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.
"Tha taisbeanaidhean ealain aca agus goireasan air leth. 'S e hub coimhearsnachd a th' ann nach eil mar àite sam bith eile agus tha sinn fortanach gu bheil a leithid againn ann an Dùn Omhain. Cuidich sinn ann a bhith ga shàbhaladh."
A' cur ris an teachdaireachd aice, thuirt an duine aice Greg: "Thoireabh cuideachadh ann a bhith a' cruinneachadh airgid, sgaoil an naidheachd mu dheidhinn, cuidich air dhòigh sam bith as urrainn dhut.
"'S e crùn a th' ann do Dhùn Omhain. 'S e cùis uabhais a bhiodh ann nan cailleadh sinn e".
Bha an togalach aig aon àm ann an cunnart a bhith air a leagail. Ach thàinig a' choimhearsnachd còmhla airson an goireas agus an eachdraidh phrìseil a th' ann a dhìon, ga cheannach airson dìreach not.
Às dèidh obair càraidh riatanach ann an 2017, tha an togalach air a liostadh B mar àite air leth cudromach do shean is òg.

Bidh Alasdair Satchel a' ruith bhùthan-obrach anns an talla
Rugadh agus thogadh Alasdair Satchel anns a' bhaile – agus ged nach eil e a' fuireach ann an-diugh, tha e a' tadhal air gu tric airson bùthan-obrach a ruith mar phàirt den bhuidhinn Arts Mix Project.
Tha àite sònraichte aig an togalach na theaghlach.
"Nam theaghlach fhèin, bha a' chiad "date" aig mo mhàthair agus m' athair anns an talla seo airson dealbh-chluich fhaicinn. Leis a sin, tha e sgrìobhte ann an eachdraidh mo theaghlach."
"Nan cailleadh sinn an talla, bhiodh e eagalach agus dh'fhàgadh e toll dubh ann am meadhan a' bhaile."
Ach, tha e cosgail an t-àite a ruith agus a chumail aig ìre. Feumaidh a' choimhearsnachd £60,000 a chruinneachadh ro dheireadh na mìos.

Tha uallach air Greg Girard gun tèid an talla à bith
"'S e seo fear de na prìomh àiteachan 'son ealain air taobh siar na h-Alba", dh'innis urrasair dhan talla Greg Girard, a tha a' fuireach sa bhaile.
"Le sin a bhith ann an cunnart a dhol à bith, no a bhith air a thionndadh gu bhith ga chleachdadh 'son rudeigin eile, nach robh na bhuannachd dhan choimhearsnachd, 's e cùis uabhais a bhiodh ann.
"Tha sinn gu lèir ag obair gu math cruaidh 'son feuchainn ris an àite a chumail fosgailte agus taic maoineachaidh fhaighinn a bheir dhuinn an cothrom fuireach fosgailte airson grunn bhliadhnaichean."
Tha draghan ann mun bhuaidh a bheireadh e air a' choimhearsnachd mura tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh, a' ciallachadh gun deadh iad ann an rianachd agus feum an uair sin air an talla a dhùnadh.

'S ì Christina NicChoinnich cathraiche an talla
"Tha gaol mòr aig muinntir a' bhaile agus na sgìre san fharsaingeachd air an togalach seo", thuirt cathraiche an talla, Christina NicChoinnich,
"Dh' fhaodadh gun robh e mar phàirt den togail aca an seo, no 's dòcha gu bheil iad a' dèanamh feum dhan iomadh tachartas a tha a' dol air adhart ann."
"Mura h-eil sinn gu bhith an seo a' dol air adhart, tha e a' toirt buaidh air gnothachasan ionadail, tha sin a' cur dùbhlan mun coinneamh."
"Cha bhi uiread de dhaoine a' tighinn dhan bhaile. Chailleadh sinn àite a tha na bhuannachd mhòr airson chur-seachadan, ionnsachadh agus a bhith a' cruinneachadh am measg a chèile"
Tha oidhirp ann airgead gu leòr a chruinneachadh ro dheireadh na mìos agus iomairt taic maoineachaidh a' dol air-loidhne.