Amannan feitheamh A&E do sheann daoine air Ghàidhealtachd "sgriosail" a rèir BP

- Air fhoillseachadh
Tha am BP Gàidhealach Jamie Stone ag ràdh gu bheil e sgriosail cho fada 's a dh'fheumas cuid de sheann daoine feitheamh aig ionadan-èiginn ann an ospadalan na Gàidhealtachd.
A rèir iarrtas saorsa-fiosrachaidh a rinn na Libearalaich Dheamocratach, dh'fheumadh 337 neach nas sine na 85 feitheamh còrr is 12 uair de thìde aig A&E san sgìre an-uiridh.
Thug na h-amannan-feitheimh seo buaidh air cha mhòr 9% de dh'euslaintich aig an aois sin.
Tha Maighstir Stone, a tha a' riochdachadh Ghallaibh, Chataibh, is Ros an Ear, ag ràdh gun robh e air oillteachadh nuair a chunnaic e na h-àireamhan.

Thuirt Jamie Stone gun robh e air oillteachadh nuair a chunnaic e na h-àireamhan
Thuirt Mgr Stone: "Feumaidh gu bheil e uabhasach eagalach oir bidh seann daoine a' gabhail iomagain mu na rudan seo, agus bidh sinne uile a' gabhail iomagain mu sheann daoine.
"Agus a bhith nan suidhe an sin a' feitheamh is a' feitheamh is a' feitheamh airson còrr is dusan uair de thìde... chan e sin dòigh iomchaidh airson cuideigin den aois sin a làimhseachadh ann an dùthaich shìobhalaichte.
"Às dèidh dhomh a bhith a' toirt cùraim do mo mhàthair nuair a bha i faisg air 90 bliadhna de dh'aois agus rud beag nas sine na 90, tha fios agamsa gu bheil dàil sam bith ann a bhith gam faicinn a' ciallachadh gum faodadh e a bhith nas cugallaiche dhaibh faighinn seachad air leigheas sam bith.
"Bha mi air mo uabhasachadh, agus tha rudeigin fada, fada ceàrr an seo agus b' e sin a leum a-mach dhomh a-mach ach na staitistigean", thuirt Mgr Stone.
Dh'innis Rùnaire na Slàinte, Niall Gray, gun robh Riaghaltas na h-Alba an dòchas amannan-feitheimh a lùghdachadh, agus gun toir iad seachad £200m gus gnothaichean a chur ceart.
Thuirt e cuideachd gum bi sgiobannan de dhaoine ann taobh a-staigh beagan mhìosan a chuidicheas seann daoine agus euslaintich eile a tha lag.