Dòchas mu Sgrìobh an Cille Mhoire

Sgrìobh
  • Air fhoillseachadh

Shoirbhich gu math le fèis ùr litreachais san Eilean Sgitheanach air an deireadh-sheachdain is dòchas ann a-nise gur dòcha gun tèid a cumail a-rithist.

'S e a' choimhearsnachd fhèin a chuir Sgrìobh air dòigh is a' mhòr-chuid de na tachartasan ann an Talla Chille Mhoire.

Chaidh a cur air bhonn airson cànain na h-Alba a chomharrachadh is ùghdarran a tha ag obair ann an Gàidhlig, Albais agus Beurla an làthair.

Nam measg bha Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, is ceanglaichean làidir aige fhèin gu pearsanta ris an sgìre.

Bha Pàdraig am measg sgrìobhaidearan aig an fhèis a thadhail air sgoilearan an Eilein Sgitheanaich Dihaoine.

Anna Mhàrtainn

"Chaidh sinn a-staigh gu Bun-sgoiltean Dhùn Bheagain, Chille Mhoire, An Aodainn Bhàin agus Àrd-sgoil Phort Rìgh", thuirt Anna Mhàrtainn, a tha am measg a chuir Sgrìobh air dòigh.

"Chanainn 's gur e rud mòr a bh' ann am Makar againn a bhith a' dol a-staigh a dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh is a' bruidhinn riutha.

"Cuideachd leis gur e Là Eadar-Nàiseanta nam Ban a bh' ann Disathairne bha an sgrìobhaiche Gerda Stevenson a-staigh san àrd-sgoil a' bruidhinn mu cho cudromach 's a tha guthan nam boireannach ann an ealan".

Chualas cuideachd bhon bhàrd Rody Gorman.

Rody Gorman

Chuir esan fàilte air fèis ùr aig àm nuair a tha cuid de dh'fhèisean eile air a dhol à bith.

"Tha e math fhèin gur ann às a' choimhearsnachd a tha e a' tighinn ", thuirt Mgr Gorman.

"Tha e a' leigeil fhaicinn gur e a' choimhearsnachd a tha aig cridhe cànan sam bith".

Agus bha muinntir na coimhearsnachd fhèin air an dòigh cuideachd, tha e coltach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math rudan mar seo a dhèanamh ann an àitichean coltach ri Cille Mhoire", thuirt Eilidh NicFhraing.

Eilidh NicFhraing

"Gu math tric tha tachartasan mar seo ann an Glaschu no Dùn Èideann no Inbhir Nis - far a bheil sluagh - ach tha e a' còrdadh riumsa gu bheil sinn a' faighinn diofar sgrìobhaichean is cluinneil bho dhaoine bho dhiofar àitichean agus gu bheil iad a' tighinn an seo".

Cha deach Sgrìobh a chur air dòigh ach anns na beagan mhìosan mu dheireadh is mar thachartas sam bith, bha obair gu lèor na lùib.

Tha dòchas ann ge-tà, às dèidh cho math 's a chaidh gnothaichean, gum bi Sgrìobh air ais.

"'S e obair mhòr a th' ann airson coimhearsnachd bheag gach bliadhna", thuirt Anna Mhàrtainn.

"Ach cò aig a tha fios, 's dòcha gum fàs e. Chì sinn...."

Pàdraig MacAoidh