Chan atharraich riaghailtean stuic air aiseagan, arsa CalMac

Caoraich
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh CalMac feasgar Diardaoin nach tèid riaghailt a chur an gnìomh a bheireadh buaidh air stoc a bhith ga ghluasad eadar na h-eileanan agus tìr-mor.

Thuirt CalMac roimhe gun d' fhuair iad stiùireadh bho Bhuidheann Slàinte Bheathaichean agus Planntrais Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte, APHA, gu feumadh cuideigin le cead beathach a chur sìos a bhith a' siubhal còmhla ri stoc air slighean aiseig nas fhaide na trì uairean a thìde.

Dh'adhbharaich sin dragh am measg eileanach agus buidhnean leithid Caidreachas Croitearachd na h-Alba agus Aonadh nan Tuathanach.

Ach, aig coinneimh feasgar Diardaoin eadar riochdairean bho ChalMac, APHA, agus oifigich bho Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar, chaidh innse do ChalMac gum faod iad stoc a ghiùlain a-rithist as aonais neach aig a bheil comas beathaichean a chur sìos, mar a bha iad a' dèanamh.

Thuirt CalMac cuideachd gu bheil iad toilichte gun deach a' chùis a rèiteach.