Comhairlean coimhearsnachd ag iarraidh poileasaidh nàiseanta air leasachaidhean mòra cumhachd

- Air fhoillseachadh
Thàinig còrr air 50 comhairle coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd còmhla a dh'iarraidh stad a chur air tuilleadh leasachaidhean mòra cumhachd gus an tèid poileasaidh nàiseanta a dhèanamh air am buaidh air an sgìre.
Choinnich na comhairlean coimhearsnachd air an deireadh-sheachdain 's tha iad a-nis a' dol a dh' iarraidh air Riaghaltas na h-Alba sùil a thoirt air buaidh leasachaidhean cumhachd air coimhearsnachdan agus air an eaconomaidh.
Tha dragh gu h-àraid mun bhuaidh a bheir leasachaidhean mòra cumhachd air coltas na tìre 's gnìomhachas na turasachd, a thuilleadh air beatha làitheil is slàinte-inntinn dhaoine.
"Cha chreid mi gun do thachair sin riamh roimhe," thuirt Cameron Kemp, bho Chomhairle Coimhearsnachd Chnoc na h-Eaglaise is Bun Craoibhe.
"Tha sin a' cur ri cho buileach cudromach 's a tha na tha sinn a' bruidhinn mu dheidhinn.
"Tha daoine a' faireachdainn air am fàgail a-mach, nach eileas ag èisteachd riutha.
Deamocrasaidh
"Ann am mòran chùisean bidh comhairlean coimhearsnachd a' cur an aghaidh leasachaidh, 's cuiridh fiù 's Comhairle na Gàidhealtachd taic riutha, ach tha Riaghaltas na h-Alba an uair sin a' riaghladh thairis orra.
"Càite a bheil an deamocrasaidh an sin?
"Tha sinn ag aithneachadh atharrachadh na gnàth-shìde 's gum feumar rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn - ach shaoileadh tu gu bheil seo air a dhol a-mach à rian."
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil cuid de na riaghailtean buaidh àrainneachdail as teanna san t-saoghal aig Alba, a' leigeas le coimhearsnachdan an guthan a thogail ann an siostaman dealbhachaidh is ceadachd.
Thuirt labhraiche cuideachd gum feum coimhearsnachdan buannachdan fhaicinn à leasachaidhean mar phàirt air gluasad cothromach gu ruige Net Zero, agus gu bheil dùil ri ath-nuadhachadh a dh'aithghearr air stiùireadh Riaghaltas na h-Alba a thaobh buannachd choimhearsnachdan bho leasachaidhean ath-nuadhachail gach cuid air tìr agus aig muir.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An Giblean
- Air fhoillseachadh24 An Giblean