Eucoir air an tuath sìos gu mòr an Alba

Sèine a' glasadh geataTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thàinig lùghdachadh 33% air cosgais eucoir air an tuath an Alba an-uiridh, a rèir NFU Mutual - a dhà uimhir an lùghdachaidh air ìre na Rìoghachd Aonaichte.

Fhuair aithisg a dh'fhoillsich a' chompanaidh àrachais Diluain gun deach stuthan luach timcheall air £1.2m a ghoid à tuathanasan, agus an lùghdachadh ga fhaicinn mar dhearbhadh gu bheil iomairt cho-òrdanaichte an aghaigh eucoireach air an tuath ag obrachadh.

Air feadh na Rìoghachd Aonaichte chosg eucoir air an tuath mu £44.1m dhan eaconomaidh ann an 2024.

Bha sin sìos bho £52.8m ann an 2023 - lùghdachadh 16.5%.

'S iad baidhcean cuad 's a leithid as motha air am bi eucoirich dhùthchail ag amas an Alba, coltach ris a' chòrr den Rìoghachd.

Thuit na chosg tagraidhean àrachais airson uidheamachd a chaidh a ghoid 35% air feadh na Rìoghachd Aonaichte an-uiridh, gu mu £7m.

Bha mèirle stuic fhathast bitheanta an-uiridh, a' cosg mu £3.4m air feadh Bhreatainn, agus e a-niste air a dhol na ghnothach eagraichte, tha a' chompanaidh ag ràdh, le còrr air 50 caora gan togail ann an aon chreach gu cumanta.

Chaidh stoc luach £1.8m a dhroch ghoirteachadh no a mharbhadh ann an ionnsaighean coin san RA an-uiridh - sin sìos còrr 's an ceathramh cuid air a' bhliadhna roimhe.