Riaghailtean ùra mu ghiùlan stuic aig muir nan dragh do chroitearan

Caoraich ann an làraidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thàinig rabhadh bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba (SCF) gum faodadh cuid an stoc a chur bhuapa mar thoradh air riaghailtean nas cruaidhe a' buntainn ri giùlan bheathaichean air bàtaichean-aiseig ChalMac.

Tha cumhachan ùra an cois a' chead-siubhail do bheathaichean a bhios Buidheann Slàinte nan Ainmhidhean agus nan Lusan (APHA) a' toirt seachad ag ràdh: "Air bhòidsean nas fhaide na trì uairean de thìde, feumaidh neach comasach a bhith còmhla ri stoc.

"Feumaidh an neach sin a bhith comasach air beathach a spadadh gu tròcaireach agus gu h-èifeachdach. Mura tig coinneachadh ris an sin, cha ghabh CalMac ris a' bhucadh."

Tha an SCF air taic iarraidh bho bhuill-phàrlamaid Albannach airson "cur an aghaidh a' phoileasaidh chruaidh agus ghòraich seo".

Tha iad ag ràdh gum bi e gu sònraiche doirbh do chroitearan am Barraigh a dh'fheumadh cuideigin fhaighinn a dh'fhalbhadh còmhla ris na beathaichean neo an stoc a chur gu tìr-mòr slighe nas fhaide taobh Loch nam Madadh.

Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha CalMac cuideachd le dragh mun phoileasaidh ùr

Thuirt Àrd-oifigear an SCF, Donna Nic a' Ghobhainn: "'S e atharrachadh a bharrachd a tha seo a dh'fhàgas gun leig cuid a luchd-àraich an stoc seachad agus riaghailtean mun coinneamh a tha do-dhèanta gabhail riutha.

"Tha mi cinnteach gun toir seo buaidh air gnothachasan, luchd-giùlain bathair agus CalMac cuideachd."

Thuirt neach-labhairt ChalMac: "Tha fios againn nach eil an t-atharrachadh gun dùil a tha seo sna riaghailtean a' freagairt air an luchd-cleachdaidh againn air slighean nas fhaide, cleas eadar Barraigh agus an t-Òban, agus tha sinn a' conaltradh le Aonadh nan Tuathanach agus buidhnean eile.

"Tha sinn a' dèanamh ar dìchill fuasgladh fhaighinn a bhios gu buannachd chroitearan, thuathanach, luchd-obrach ChalMac agus an riaghladair."

Sgrìobh an SCF gu manaidsear ChalMac airson nan Eilean Siar, nan Eilean Tarsainn, an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair, David Hamill, agus iad ag iarraidh gum bi iad an sàs sna còmhraidhean a tha ag amas air fuasgladh fhaighinn.

Tha am BBC air beachd iarraidh bho APHA agus Roinn an Àiteachais, DEFRA.