Duaisean nan còisirean dùthchail gan toirt seachad

Còisir Sgir' a' Bhac
Fo-thiotal an deilbh,

Còisir Sgìr' a' Bhac

  • Air fhoillseachadh

‘S iad Còisir Sgìr' a’ Bhac agus Bùrach a choisinn na duaisean mòra ann am farpaisean nan còisirean dùthchail aig a Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns an Òban.

Choisinn Còisir Sgìr' a' Bhac Sgiath Latharna, le Avril Allen na stiùiriche agus Maighread Stiùbhart mar oide Gàidhlig.

Ghabh iad "Breisleach", an t-òran a chaidh a chur ro na còisirean, agus "Holiday na Caillich" mar an roghainn aca fhèin.

Bha Còisir Ghàidhlig nan Loch anns an dàrna àite san fharpais, agus Còisir Ghàidhlig Bharraigh san treas àite.

Fo-thiotal an deilbh,

Bùrach

'S iad Bùrach a choisinn Cuach Cuimhneachan an t-Siorraim MacMhaighstir Caimbeul, le Riona Whyte mar stìuiriche dhaibh agus Alasdair Mac Ille Bhàin na oide Gàidhlig.

B' e "Màiri Bhàn an Dhail an Eas" a chaidh a chur rompha agus sheinn iad "Pìobaire 'n aona-phuirt" mar an roghainn aca fhèin.

Bha Còisir Ghàidhlig Thaigh an Uillt san dàrna h-àite, agus Còisir Ghàidhlig Ìle san treas àite.