Obair sgioblachaidh a' leantainn às dèidh Stoirm Ashley

Rabhadh Buidhe 'son na gaoithe
  • Air fhoillseachadh

Tha obair sgioblachaidh a' leantainn às dèidh do Stoirm Ashley bualadh air Alba.

Ràinig a' ghaoth neart 80 msu ann an cuid de dh'aitichean anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh a h-uile cabhsair agus cuid de rathaidean ann an Uibhist agus Barraigh a dhùnadh oidhche Dhòmhnaich ri linn na ciad stoirme ainmichte den t-seusan, agus làn àrd ann aig a' cheart àm dìreach dà là an dèidh mullach reothairt.

Bha cuid de rathaidean ann an Uibhist air am fàgail fo thuil.

Cha ghabh am post Facebook seo a shealltainn air a’ bhrabhsair agaibh. Ceadaichibh Javascript no feuchaibh brabhsair eile.Faicibh stuth tùsail air Facebook
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Leum thairis air facebook teachdaireachd le Police Scotland Highland & Islands

Cead do stuth Facebook?

Tha stuth bho Facebook an lùib an artagail seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid dad a luchdachadh, thoireadh ‘s dòcha gun cleachd iad briosgaidean agus teicneòlas eile. Faodaidh tu na poileasaidhean aig Meta ‘son Facebook mu bhriosgaidean a leughadh, taobh a-muigh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus gabh thu ris. Airson coimhead air an stuth seo buail air ‘gabh ris agus lean air adhart’.

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh. Dh’fhaodadh sanasan a bhith an lùib stuth Facebook.
Deireadh facebook teachdaireachd le Police Scotland Highland & Islands

Dh'innis Poileas Alba madainn Diluain gu bheil buaidh fhathast air cuid de rathaidean an Uibhist.

Nam measg tha am B892, a chaidh a dhùnadh aig a' Chulaidh eadar Baile a' Mhanaich is Creag Ghoraidh.

Tha sprùilleach cuideachd air Cabhsair Èirisgeigh is chaidh iarraidh air dràibhearan an sgìre a sheachnadh ma 's urrainn dhaibh, is a bhith faiceallach air rathaidean Uibhist air fad.

Tùs an deilbh, Eardsaidh Dòmhnallach
Fo-thiotal an deilbh,

Bha cuid de rathaidean Uibhist fo thuil oidhche Dhòmhnaich

Bha cha mhòr a h-uile seirbheis aiseig aig CalMac dheth Didòmhnaich.

Tha grunnan seirbheisean aiseig dheth Diluain, taobh a-muigh, no le rabhadh gum faodar an cur dheth gach cuid ri linn na h-aimsire agus na tìde-mhara.

Tha na seirbheisean aiseig a leanas dheth an-diugh:

  • Aiseag Bhàgh a' Chaisteil

  • Aiseag Armadail

  • Aiseag Loch Baghasdail

Tha maill cuideachd air seirbheisean eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch nam Madadh agus an aimsir air milleadh a dhèanamh air cala Ùige.

Dh'fhàg an MV Hebrides an Tairbeart air dheireadh is ged a ràinig i Ùige, tha seo air buaidh a thoirt air an ath-sheòladh a bha còir falbh aig 09:40m.

Thug an stoirm buaidh air còmhdhail air feadh na dùthcha le aiseagan, itealain agus seirbheisean-trèana air an cur dheth.

Tha rabhaidhean thuiltean, taobh a-muigh fhathast an sàs - is thathas a' moladh do dhaoine am fiosrachadh as ùire fhaighinn mus cleachd iad seirbheisean còmhdhail.