Cuimhne cloinne air Covid

Eòghann
Fo-thiotal an deilbh,

Bha tòrr saoirse aig Eòghann tron ghlasadh

  • Air fhoillseachadh

Tha cuid de chloinn-sgoile fhathast a' fulang ri linn na buaidh a thug glasaidhean Chovid air am beatha.

Bha sin follaiseach tachartas a chaidh a chumail aig Àrd-Sgoil Phort Rìgh 's cothrom air a thoirt do sgoilearan am faireachdainnean a chur an cèill.

Bha e na phàirt de phròiseact Let's Be Heard, taobh a-muigh, a tha a' cruinneachadh bheachdan dhaoine òga 's gam biathadh a-steach dhan Sgrùdadh Phoblach air Covid.

Tha ceithir bliadhna gu leth ann bho dh'òrdaich am Prìomhaire aig an àm, Boris Johnson, do shluagh na RA fuireach aig an taigh.

B' e siud toiseach a' chiad ghlasaidh - agus bha trì ann uile gu lèir.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e gu math cudromach a bhith a' coimhead air ais air," thuirt Eòghann.

"A' smaoineachadh a-rithist mu dheidhinn agus na droch rudan a bh' ann agus na rudan as urrainn dhuinn a dhèanamh mu dheidhinn sin, agus dìreach na rudan a bha math mu dheidhinn cuideachd."

Fo-thiotal an deilbh,

Rinn cothrom a bhith a' bruidhinn mu Chovid feum dha Daisy

Chan e rud a tha sin - bruidhinn mu dheidhinn Chovid - a thachras tric, agus leisg air gu leòr dhaoine cuimhneachadh air àm a bha air leth doirbh do dh'iomadach duine.

"Saoilidh mi gun robh e feumail bruidhinn mu dheidhinn, oir cha robh cothrom agam bruidhinn gu domhain mu dheidhinn ri duine roimhe," thuirt Daisy.

"Thug e buaidh mhòr air mo bheatha, 's bha mi air dìochuimhneachadh cho dona 's a bha a' bhuaidh sin.

"Bha gnothaichean pearsanta nam bheatha cuideachd aig an àm. 'S e àm sreasmhor a bh' ann."

Tha luchd-obrach na sgoile mothachail gu bheil buaidh leantainneach air clann a bha san sgoil tro àm Chovid.

"Chanainn gu bheil buaidh mhòr ann," thuirt Ceitidh Nic a' Phì, a tha na tidsear-taice le sgoilearan tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha sinn a' faicinn sin san là an-diugh. Sgoilearan 's dòcha, cha toil leotha a bhith ann an slòigh, am measg dhaoine eile. Cha toil leotha 's dòcha fuaimean àrda.

"Tha iad car a' diùltadh tighinn dhan sgoil cuideachd air sgàth 's na h-adhbharan sin," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ceitidh Nic a' Phì, a tha na tidsear-stiùiridh san sgoil, a' faicinn diofar bhuaidh air diofar aoisean

Tha diofar ann eadar a' bhuaidh a thug am pandemic air cloinn a bha san àrd-sgoil, agus a' bhuaidh air feadhainn a bha sa bhun-sgoil aig an àm cuideachd.

"Chanainn gun robh, agus chanainn gur e sin a chanadh a' mhòr-chuid de thidsearan a-staigh an seo," thuirt Ceitidh.

"Tha mise a' dèiligeadh ri trioblaidean san sgoil fad na h-ùine, agus tha mi a' faicinn, 's dòcha ann am buidheann de sgoilearan, no aois shònraichte, gu bheil buaidh 's dòcha diofraichte orrasan na feadhainn eile.

"'S dòcha feadhainn a bha anns an àrd-sgoil mar thà, a bh' air an inntrigeadh a tha sin bhon bhun-sgoil a dhèanamh mar thà, 's dòcha gun robh iadsan ann an suidheachadh na b' fheàrr.

"Bha iad eòlach air na tidsearan 's rudan mar sin.

"An fheadhainn eile, thàinig iad a-steach dhan àrd-sgoil agus bha masgaichean orra fad bliadhna, agus cha robh iad eòlach fiù 's air cò ris a bha na tidsearan aca coltach.

"Agus cuideachd a bhith a' dèanamh charaidean ùra. Tha sin gu bhith doirbh dhaibh," thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Thog ceannard na sgoile, Tony Breen, air na rudan math a thàinig an cois a ghlasaidh

Cha b' e cuimhnichean dubha a-mhàin a chaidh a thogail leis a' chloinn ge-tà.

"Ma dh'fhaighnicheas tu de chuid de na sgoilearan againn, aidh bha buannachdan ann," thuirt ceannard na sgoile, Tony Breen.

"Bha e na chuideachadh gun robh an aimsir sònraichte math sa chiad ghlasadh.

"Bha cothrom aig daoine faighinn a-mach 's tòrr eacarsaich a dhèanamh, agus beagan ionnsachaidh a dhèanamh air-loidhne, bha iad den bheachd gur e cothromachadh math a bh' ann," thuirt e.

Tha Eòghann ag aontachadh.

"Bha tòrr saoirse agam tha mi a' smaoineachadh. Tha croit aig m' athair, agus mar sin bha cothrom agam cuideachadh le mathair leis na caoraich nuair a bha ùine agam," tha e ag ràdh.

"Agus cuideachd an t-àite ionadail, bha tòrr rùm agam, tòrr saoirse a-rithist.

"B' urrainn dhomh ball-coise a chluich no a dhol a-mach a choiseachd 's rudan mar sin.

"Ach bha e caran doirbh a bhith a' cumail suas le caraidean. Bha sin gu math doirbh dhomh."