A' cuimhneachadh air Anna Bhàn is bana-ghaisgich eile na Còigich

Dealbh den charragh-chuimhneTùs an deilbh, Dualchas na Còigich
Fo-thiotal an deilbh,

Dealbh an luchd-ealain air coltas na carragh-cuimhne nuair a bhios i deiseil

  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt sa Chòigich an-dràsta gus carragh-chuimhne a thogail do mhuinntir na sgìre a rinn strì an aghaidh nam fuadaichean ann an 1852.

B' iad boireannaich na sgìre a bha os cionn an ar-a-mach agus chaidh cuirm-chiùil a chumail air an deireadh-sheachdain le dithis luchd-ciùil ainmeil às an àite.

Bha boireannach a bhuineadh dhaibh an sàs anns an t-strì agus chuir iad clàr ùr air bhog mar chuimhneachan oirre, Anna Bhàn a chanadh iad rithe.

Tùs an deilbh, Dulachas na Còigich
Fo-thiotal an deilbh,

Far am bi a' charragh-chuimhne ann an Achd an Inbhir

Thathar air iarraidh air luchd-ealain ionadail, Will MacIlleathain agus Marian Leven, a' charragh-chuimhne a dhealbhachadh.

Bidh i a' comharrachadh na thachair eadar 1852 agus 1853 nuair a chuir muinntir na Còigich an aghaidh òrdugh an cur às an dachaighean.

Thairis air 18 mìosan thàinig oifigearan an t-siorraidh còig tursan le sumanadh fuadaich agus gach turas chaidh ruaig a chur orra.

B' iad boireannaich a bu mhotha a bha an sàs san iomairt shoirbheachail an aghaidh an uachdarain a ghlac aire luchd-naidheachd air feadh Bhreatainn.

Fo-thiotal an deilbh,

Will MacIlleathain agus Marian Leven, an luchd-ealain a dhealbh a' charragh-chuimhne

Thuirt Marian Leven: "Bha iad airson am fearann air fad a dhèanamh na thac le caoraich mhòra, agus na daoine a chur às an talamh.

"Thuirt trìuir bhoireannach, 'carson a dh'fheumas sin gluasad, tha sinn air a bhith seo fad nan ceudan de bhliadhnaichean', agus b' iadsan a bhrosnaich a' choimhearsnachd seasamh còmhla."

Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaillich air oidhirpean oifigearan poilis thighinn gu tìr agus pàipearan fuadaich a lìbhrigeadh còig tursan

Bha còig làraichean far an do dh'fheuch bàtaichean air an robh na h-oifigearan aig an robh na pàipearan fuadaich ri thighinn gu tìr.

Gach turas chaidh aig an luchd-còmhnaidh, le na boireannaich os an cionn, ri bacadh a chur orra.

Thuirt Marian Leven: "Aon turas, rug iad air oifigear poilis agus thug iad dheth a chuid aodaich agus chuir iad air ais air an eathar e agus e dearg-rùisgte."

Fo-thiotal an deilbh,

Choisinn muinntir na Còigich cliù gu nàiseanta airson mar a chuir iad an aghaidh oidhirp an cur às an dachaighean

Rinneadh luaidh air muinntir na Còigich mar ghaisgich ann an làithean tràth strì an fhearainn ann an Alba às an tàinig mu dheireadh thall Coimisean Napier agus Achd na Croiteareachd ann an 1886.

Tha ceangal sònraichte aig Mairearad Green agus Rachel Newton, a bhuineas dhan sgìre, le na thachair bho chionn 150 bliadhna.

Fo-thiotal an deilbh,

Bha sinn-sinn-seanmhair a' cheòladair, Rachel Newton, air tè de na boireannaich a bu mhotha a bha an sàs san ar-a-mach an aghaidh an uachdarain

Thuirt Rachel: "'S ann dìreach bho chionn ghoirid a thuig sinn gur e an sinn-sinn-seanmhair againn a bh' ann an tè de na boireannaich sin, Anna Bhàn.

"Nuair a chuala sinn gun robh carragh-chuimhne gu bhith air a stèidheachadh le Dualchas na Còigich thug sin spionnadh dhuinn ceòl ùr a sgrìobhadh."

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Mairearad Green na co-ogha aig Rachel Newton agus 's ann dìreach bho chionn ghoirid a chuala iad mun iomairt a rinn an sinnsearan

Tha clàr ùr aca air a bheil Anna Bhàn le dealbhan air a dhèanamh le Mairearad.

"Tha sinn nar co-oghaichean agus 's e seo a' chiad phròiseact a rinn sinn còmhla agus b' e an t-àm ceart clàr a thoirt a-mach leis gur e sgeulachd cho pearsanta dhuinn a th' ann," mhìnich Mairearad.

Fo-thiotal an deilbh,

Marian Leven a' mìneachadh cò ris a bhios a' charragh-chuimhne coltach

Thòisich iomairt airson carragh-chuimhne a thogail a chomharraicheas iomairt sinn-sinn-seanmhair Mairearad agus Rachel agus na mnathan eile.

"Bidh tursa mòr sa mheadhan a tha a' riochdachadh na coimhearsnachd agus trì tursaichean eile a' riochdachadh nan triùir bhoireannach a bha os cionn an ar-a-mach," mhìnich Marian Leven.

"Bidh ainmean nam bailtean a bha an sàs ann agus bidh còig clachan air am bi snaidhte cumadh nam bàtaichean a dh'fheuch ri tighinn gu tìr le na h-òrdughan fuadaich."

Tha Dulchas na Còigich an dòchas gum faigh iad airgead gu leòr a leigeas leotha an obair-togail a thòiseachadh an ath-bhliadhna.