Caley Thistle Inbhir Nis an dùil a dhol ann an rianachd
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun tèid cluba ball-coise Caley Thistle Inbhir Nis ann an rianachd an t-seachdain sa tighinn, an dèidh mar a dh’fhaillich orra aonta a ruighinn le neach aig an robh ùidh an cluba a cheannach.
Bha còmhraidhean air a bhith ann eadar an cathraiche eadar-amail, Scott Young agus an neach-gnothachais, Daibhidh MacAnndrais.
Ach thuirt an cluba gun tàinig na còmhraidhean gu ceann às aonais aonta.
Ann am brath goirid a thug iad dhan BhBC feasgar Dihaoine thuirt na stiùirichean gu bheil iad air ainm a chur ri sgrìobhainn laghail gus luchd-rianachd a thoirt a-steach.
Thuirt iad gu bheil iad an dùil gun tig an luchd-rianachd a-steach Diluain no Dimàirt.
Chaidh ceann-là a stèidhich an cluba airson tairgsean seachad Diardaoin ach bha boillsgeadh dòchais air nochdadh mu aonta le Mgr MacAnndrais.
Dh'innis an cluba na bu thràithe ged nach deach aonta a ruighinn gun cuireadh iad fàilte air còmhraidhean a bharrachd le companaidh Mhgr MhicAnndrais, DA Capital, nuair a tha suidheachadh an ionmhais fo smachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh18 An Dàmhair