Bàta Shrath Nabhair ag amas air deagh shlàinte-inntinn a bhrosnachadh

Cur air bhog a' bhàtaTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair
  • Air fhoillseachadh

Tha muinntir Shrath Nabhair air dreach ùr de bhàta thraidiseanta a thogail mar phàirt de phròiseact a tha ag amas air deagh shlàinte-inntinn a bhrosnachadh.

'S e Grace a th' air a' bhàta, ainm a chaidh a thaghadh às dèidh do chloinn bho bhun-sgoiltean Fàrr is Tunga roghainnean a chur air adhart.

Tha e stèidhichte air bàta air a bheil Iris, a tha 150 bliadhna a dh'aois, is a tha ann an Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair sa Bhlàran Odhar.

Tùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Chaidh Grace a chur dhan uisge an t-seachdain seo chaidh le Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair is Urras Coille Coimhearsnachd Cheann a Tuath Chataibh.

'S e 'Fishing Around' a tha air a' phròiseact is e am measg iomairtean san sgìre a tha a' toirt ri chèile luchd-ealain is muinntir na coimhearsnachd.

'S e an t-amas daoine a thoirt còmhla is a bhith mothachail mun cuid slàinte-inntinn.

Tùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair

Nochd timcheall air 80 duine 'son a bhith a' coimhead air Grace is i a' dol dhan uisge.

"Bha e dìreach sònraichte a bhith a' faicinn cho taiceil 's a bha a' choimhearsnachd dhan phròiseact," thuirt Fiona NicCoinnich bho Thaigh-tasgaidh Shrath Nabhair.

"Tha an sgioba a-nise ag obair air an dàrna pàirt den phròiseact is iad 'son crann is seòl a chur air a' bhàta, is daoine a thrèanadh a thaobh sgilean seòlaidh."

Tùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair