Gàidhlig ann an Cataibh: "Chan eil mi a' faicinn moran a' tachairt"
- Air fhoillseachadh
Tha mu shia mìosan ann a-nise bho thàinig toraidhean a’ chunntais-sluaigh a-mach mu choinneimh na Gàidhlig, is dealbh measgaichte de chrìonadh sna h-Eileanan is beagan fàis air tìr-mòr.
Ach tha aon sgìre de thìr-mòr far nach fhacas fàs idir, siud ann an sgìre Chataibh ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd is dragh ann gum faodadh a’ Ghàidhlig a dhol à bith, gun sgoil idir san t-siorramachd san là a th’ ann a’ tabhainn foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.
Bho chionn beagan air 100 bliadhna b' e Cataibh - a' toirt a-steach Cataibh fhèin mun ear, Asainte mun iar agus Dùthaich MhicAoidh mu thuath - an t-siorramachd a bu làidire an Alba air fad airson na Gàidhlig.
Ann an Diùrnais ann an iar-thuath na siorramachd, bha a' Ghàidhlig aig còrr math air 80% de dhaoine a' tighinn a-steach dhan 20mh Linn.
A rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh ge-tà, tha sin a-niste aig 5%.
"Chan eil mi a' faicinn mòran a' tachairt a thaobh buidhnean a bhith ga brosnachadh anns na h-àitean iomallach," thuirt an t-seinneadair Donnchadh MacLeòid, à Drochaid a' Bhanna - fear a fhuair buannachd às foghlam tro mheadhan na Gàidhlig nuair a bha e ri fhaighinn aig bun-sgoil a' bhaile.
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e seòrsa mì-chothromach, oir chan eil a' chlann anns na h-àitean sin a' faighinn na h-aon chothroman agus tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir.
"Cuideachd tha dualchas Gàidhlig agus eachdraidh Gàidhlig làidir ann an Cataibh.
"'S ann às a' Bhlàran Odhair air a' chosta tuath a bha mo sheanair, agus bha a' Ghàidhlig aige bhon ghlùin.
"Ach a-nis chan eil daoine òga really ga h-ionnsachadh mòran.
Rob Donn
Tha gun teagamh beartas mòr de dhualchas Gàidhlig aig tuath.
'S e a' chiad ainm a thig gu d' inntinn a thaobh sin, am bàrd ainmeil às an 18mh Linn, Rob Donn MacAoidh.
Dh'fhàg esan againn iomadach òran a tha le ceangal do-bhriste ris an sgìre.
Tha e air a thiodhlacadh ann an cladh Bhaile na Cille, faisg air Diùrnais - sgìre dham buin fear Uilleam Moireasdan, a tha an-diugh a' fuireach ann an Cùil Lodair 's aig a bheil làn a chlaiginn de Ghàidhlig Dhùthaich MhicAoidh fhathast.
"Rug' mi 's thog' mi ann am baile Diùrnais, faisg air a' Pharbh," thuirt e.
"Dùthaich MhicAoidh, sin an t-ainm a th' air.
"Chan eil mòran dhith air fhàgail a-nis anns a' bhaile fhèin.
"Am muinntir mu deireadh, mo bhràthair 's mi fhèin 's tha mo bhràthair a' fuireach ann an Dùn Dè.
"Tha e uabhasach duilich. Bha e làn de Ghàidhlig - uill bha na bodaich co-dhiù 's na caillichean, sin a' chiad chànan a bh' ac' an uair sin," thuirt e.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig, a tha an urra ri leasachadh a' chànain ann an Alba, gu bheil pròiseas soilleir ann fo Achd an Fhoghlaim (Alba) fon iarr pàrantan foghlam tro mheadhan na Gàidhlig san sgìre aca ma tha iad ga iarraidh.