Taic do mholadh bun-sgoil a thogail an Tòrr na Grèine

Am broinn bun-sgoileTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd ag iarraidh air comhairlichean an taic a chur ri plana bun-sgoil a stèidheachadh ann an Tòrr na Grèine.

Tha am proiseact-baile ùir eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann air fàs gu mòr; bha 750 luchd-còmhnaidh ùr ann an-uiridh.

Tha co-chomhairleachadh poblach mu bhun-sgoil ùr a-nis deiseil, agus bidh aithisg air beulaibh bhall Comataidh an Fhoghlaim an ath-sheachdain.

Chan eil cuid riaraichte leis na planaichean ge-tà agus iad a' cumail a-mach "nach eil clann gu leòr (ann an Tòrr na Grèine) airson agus gun fhiach e sgoil ùr a thogail".

Ge-tà, tha oifigich a' toirt rabhadh gum bi cus sgoilearan ann am Bun-sgoil Chrothaidh, far a bheil clann Thòrr na Grèine a' faighinn oideachaidh an-dràsta, mura bi sgoil ùr ann.

A rèir na comhairle, tha 157 duine cloinne aig aois bun-sgoile ann an sgìre sgoile Chrothaidh, agus 43 dhuibh sin mar-thà air liosta airson gluasad gu sgoil eile.

Cha deach planaichean airson sgoile ùire a dhealbh fhathast, ach tha dùil gun tèid a togail ann an ìrean agus gum bi suas ri 16 seòmraichean-teagaisg innte uile gu lèir.

Theid faighneachd don chomataidh moladh a dhèanamh don lan-chomhairle na planaichean a chur an gnìomh.

Ma thèid aontachadh ris an sin, thathar an dòchas gum fosgail an sgoil ùr ann an 2027.